A Mhic Iain 'ic Sheumais,
Tha do sgeul air m' aire.
Air fair al ill eò,
Air fair al ill eò.
Là Blàr a' Chèidhe
bha feum air mo leanabh.
Hì hò hi rì ibh ò hi i eileadh hì hò,
Hi rì ibh o ro hao o hì hò.
Là Blàr na Fèithe
bha do lèine ballach.
Air fair al ill eò,
Air fair al ill eò.
Bha fuil do chuirp uasail
air uachdar an fhearainn.
Hì hò hi rì ibh ò hi i eileadh hì hò,
Hi rì ibh o ro hao o hì hò.
Bha mi fhèin ga sùghadh
gus na thùch air m' anail,
Air fair al ill eò,
Air fair al ill eò.
Bha 'n saighead na spreòd
an corp seòlta na glaine,
Hì hò hi rì ibh ò hi i eileadh hì hò,
Hi rì ibh o ro hao o hì hò.
Bu cheannard ro' shluagh thu
dol suas ro thìr aineoil.
Air fair al ill eò,
Air fair al ill eò.
'S cha do ghabh thu 'm bristeadh
làmh leigeadh na fala.
Hì hò hi rì ibh ò hi i eileadh hì hò,
Hi rì ibh o ro hao o hì hò.
Bhon là thug thu 'n cuan ort
bha gruaim air na beannaibh,
Air fair al ill eò,
Air fair al ill eò.
Bha snigh' air na speuraibh,
'S bha na reulta galach.
Hì hò hi rì ibh ò hi i eileadh hì hò,
Hi rì ibh o ro hao o hì hò.
'S càirdeach a Rìgh Leòdhais,
mo leòghann glan, uasal.
Air fair al ill eò,
Air fair al ill eò.
Mo Mhac Iain 'ic Sheumais
Duine treubhach smearail.
Hì hò hi rì ibh ò hi i eileadh hì hò,
Hi rì ibh o ro hao o hì hò.
[Na facail bhon t-seinn aig Caitlin NicAonghais.]