BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Àbhachdas
Òran nam Fiaclan

Èist an seo


Hem bò hugi ò,
Tha mi ann am èiginn;
Hem bò hugi ò,
Tha mi ann am èiginn;
'S mise thug a' ruaig
Nach robh buaidh às a dèidh dhomh
Nuair chaill mi na fiaclan,
'S a Dhia, cha b' e m' fheum e.

Smaointich mi'n oidhche seo
Splaoid thoirt air chèilidh
Cuide ris na h-eòlaich
A dh'òl Demerara:
'S bha mi ann an dòchas,
Ged dh'òlainn mo lèine,
Nach cluinneadh iad gu sìorraidh
San Iochdar mum dheidhinn.

Bha mi air mo chòmhdach
Cho leòmach ri bàn-righinn,
Coilear geal is còta
'S mo bhrògan a' deàrrsadh;
Thug mi dhiom an fheusag
Le siabann 's le ràsar,
'S bhruisig mi na fiaclan
Air beulaibh an sgàthain.

Nuair ràinig mi'n taigh-òsta,
Gun chòmhdhalaich càch mi
'S gun do shuidh sinn còmhla
Aig bòrd mar a b' àbhaist;
Bha aighear ann is òrain
Is òl is ceòl-gàire,
'S glainneachan gan lìonadh
'S mo bheul-sa gan tràghadh.

Ann am beagan ùine
Bha smùid a bha grànd' orm -
Dalladh air mo shùilean,
'S mo thùr 's e gam fhàgail;
'S ann thug iad air ghiùlan mi
A dh'ionnsaigh a' chàr,
Mu' biodh iad gam iarraidh
San Iochdar a-màireach.

Chaidh mi dhachaidh dìreach
Le sìnteagan làidir,
Ged a bha mi cinnteach
Gum biodh iad gam chàineadh;
'S nuair a chaidh am biadh
Air mo bheulaibh a chàradh,
Gun dh'aithnich mi le fiamh
Nach robh fiacail nam chàirean!

Labhair mi gu feargach
Nach deargainn air càil dheth;
'S cha tuigeadh na Crìosdaidhean
Sìon bha mi ag ràdh riuth';
'S ann a rinn iad feuchainn
Rim bhiathadh le spàinidh,
'S leis an t-sine deòth'l
Leis an d' dh'òl mi nam phàiste.

Chuir mi brathan suas
Feuch an cualas mun dèidhinn,
No 'n robh duine fhuair iad,-
Bha luach anns an deud ud:
'S ann a thàinig nuadal
A-nuas feadh a chèile
Gu facas na fiaclan
Am beul Sheonaidh Chlèirich!

Tha mi'n diugh nam fhuar-shlatan
Truagh feadh an ùrlair,
Mun ith mi'm buntàta
Bidh càch dhomh ga rùsgadh;
Pronnar dhomh le spàinidh e
'S càiridh iad miùg air,
Mar gu faigheadh pàiste
Mu fàsadh a chùlag.

Chaidh mi choimhead Màiri,
Ged bha mi car neònach,
Feuch a' faighinn bàidh
Bho nach b'àbhaist dhi m' fhògairt:
'S ann thuirt i gu diombach
'S i a' tionndadh a sròine,
"Cha b' e fear gun fhiaclan
A mhiannaichinn còmh' rium!"

[An teacsa air a thoirt à Chì Mi - The Gaelic Poetry of Donald John MacDonald deasaichte le Bill Innes; Birlinn.]

Air ais.



Nuair thàinig Niall à Afraga


Èist an seo


Sèist:
Tha Niall air tighinn às Afraga ’s thug e moncaidh dhachaigh leis,
Air m’ fhacal fhèin b'e ’n asgair e ’s bu sgairteil e air cabhsair.

Gur neònach leam ri ràdh an siud gum fuilingear ann am bata iad,
is ma thug Noah dhan àirc iad leis gum b'fheàrr gun d' fhàg e thall e.

Air oidhche banais Seònaid bha uisge-beatha gu leòr againn
’s nuair a chuir ’ad deur na sgròban dheth sann thoisich e air dannsa.

Nam faiceadh sibh mar stepadh e a-null sa nall mar sheatadh e
Bha Tearlach air a mhaslachadh ’s e fada anns a’ sgoil dannsaidh.

Nuair thug mi sìos don rùm orm an gann a bha mo chùlaibh ris
Bha phiseag air an ùrlar aig ’s smùr e leis an jam i.

[Gabh an t-sèist às dèidh gach rann.]


An uinneag a rinn Dòmhnall

Èist an seo


An uinneag bheag, an uinneag bheag, an uinneag bha aig Dòmhnall
Chan fhacas riamh a leithid anns na Hearadh no an Leodhas
Dusan crogan silidh is na botail bheaga "sauce"
Anns an uinneig a rinn Dòmhnall le na seann chrogain "jam".

Air oidhche bhrèagha ghealaich 's mi air chuairt a thoirt do Mhanais
An taigh aig Seonaidh Ailein a' cèilidh air mo chàirdean
Thòisich iad ri innse dhomh rud ùr a bha san àite
An uinneag a rinn Dòmhnall le na seann chrogain "jam".

Bha Raonaid 's i na cabhaig trang 's an taigh a' dol na bhùraich
A' lorg nan crogan silidh ud 's gu leòr tighinn às na bùthan
Bha "rhubarb" is "marmalade" 's na crogain mhòr dà phunnd
Anns an uinneig a rinn Dòmhnall le na seann chrogain "jam".

An dèidh an taigh aig Ailean fhàgail bha 'n comann a' dol còmhla rinn
Gu faiceamaid an uinneag ud, an uinneag a rinn Dòmhnall
Thòisich sinn gu cabhagach 's a' ghealach dol fo sgòthan
Chan iarramaid an còrr ach na claisean a bhith làn.

Nuair ràinig sinne suas siud a dh'ionnsaigh 'n taigh aig Màiri
Bha dusan sùil a' coimhead oirnn a-mach à ceann na bàthcha
B' e solas "torch" bh' aig Seonaidh, gu dearbh bha e àraidh
An uinneag a rinn Dòmhnall le na seann chrogain "jam".

Las mi fhìn an "torch" bheag a bh' agam na mo phòcaid
Thug mi aona sùil oirre gu dearbh bha siud gu leòr dhomh
Rinn mi air an dachaigh agus thòisich mi air òran
Mun uinneig a rinn Dòmhnall le na seann chrogain "jam".


[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]

Air ais.



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy