Briogais Iain Phedie,
Siud a' bhriogais a bha ainmeil,
Chan fhacas riamh a samhail,
Ann an Sasainn no an Alba,
Bha còir air leth-cheud òirleach innte,
Bhon "spare" gu na calpan,
Briogais Iain Phedie,
Siud a' bhriogais a bha ainmeil.
Bha an gobhal aice ri bragadaich,
Air an rathad nuair bha gaoth ann,
'S ghlasadh i a' ghealach bhuat,
Crochaichte air sreang-aodaich.
Thug e do dh' Uilleam Teddy i,
'S ann agam-sa bha truas ris,
Nuair dh'fheuch e air a' bhriogais,
Chaidh i seachad suas mu chluasan.
Bha h-uile duine coimhead air,
'S iad ag ràdh gu robh smùid air,
'S mur b' e 's gun tàinig cobhair,
Gu robh Uilleam air a mhùchadh.
Thàinig fear à Sasainn,
Is e ag ràdh, "Bheir mise leam i.
Sin a seòil bh' air sgoth mo sheanar,
Aig an sgadan ann an Lowestoft."
Tha "professors" às an Olaind,
À Sìna, 's fear à Èirinn,
Air a thighinn gu "conclusion",
Nach eil clue aca dè am patent,
'S ma tha sibh son a coimhead,
Tha i sàbhailte fo rum aca,
Anns a' Phrehistoric section,
Sa mhuseum an Dùn Èideann.
Nis tha petition aca,
Son a toirt air ais a Leòdhas,
Tha an convener 's e ga h-iarraidh,
Airson bratach dhan a chouncil,
'S ma thèid i an-àirde air pòla,
'S gum bi breeze oirre bhon iar-dheas,
Cha bhi tuilleadh samhradh againne,
Oir chan fhaic sinn grian gu sìorraidh!
[Gabh a chiad rann a-rithist]
[Na facail bhon t-seinn aig Iain Costello MacIomhair.]