Sèist:
Suas an fheamainn their na seòid
Suas an fheamainn gu Fear Cheòis
Suas an fheamainn their na seòid
O gu bheil òr 's na sgeirean sin.
Coma leam an-diugh den 'dole'
National no form 'O'
Gheibh thu obair ann an Ceòs
Ged bhiodh tu 'over 70'.
Chan eil duine th' ann an Ceòs
Biodh e beag no biodh e mòr
Nach eil le corran aig na dhòrn
A' ruith nan òb 's nan cladaichean.
Cha bhi guth a-nis air clò
Cha bhi beairt a' dol an Ceòs
Nì i spiris dha na h-eòin
'S cha tèid clò gu suthainn innt'.
Thig an fheamainn às gach ceàrn
A Lacasaigh 's à Gearraidh a' Bhàird
Gu bheil feadhainn an-diugh air sàl
Nach aithnich ràmh bho spineacair.
Chan eil càil a tha san tìr
Bho fertilizer gu cìr-mhìn
Nach tèid a dhèanamh air a' Ghlebe
Ma bheir sinn fhìn an fheamainn thuc'.
Nì iad plastics de gach seòrs'
'S gheibh sinn nylons ann gu leòr
Nì iad carpets agus ròp
Cremola agus iodine.
Chunnacas fear bhon Acha Mhòr
'S farmad aige ri Fear Cheòis
'S e cur salainn air na lòin
An dòchas gun tig feamainn annt'.
[Gabh an t-sèist às dèidh gach rann.]
[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]