BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Seonaidh MacMhaolain
Òran na Beairt


Sèist:

'S i bheairt a rinn mo shàrachadh;
'S i bheairt a rinn mo shàrachadh;
Nuair a chuir mi innte spàl
Bhrist ise h-uile snàth a bh' ann.
'S i bheairt a rinn mo shàrachadh.

Ged nach eil mi eòlach oirr',
Tha eagal orm nach còrd i rium;
Tha na h-iomallan innte cho dlùth
Agus chan eil sùil far 'm bu chòir dha bhith.

'S a bheil sibh an dùil am pàigh i dhomh,
No am buin i ri mo nàdar-sa?
Ma sin fìor, gun tèid mi fhìn
A-null air sgrìob a dh'Astràilia.

'S e chanas cuid dhe mo chàirdean rium,
"'S ann ort a bha am fàilligeadh;
Bha thu gun diù agus 's tu bha faoin
Nuair a thug thu 'n taobh-sa phlàigh bha sin."

'S ged bheirinn Eachann Sheòrais thuic'
'S gun cuir e i an òrdugh dhomh,
'S e chanas e rium, "Chan eil innt' ach a' bhrùid
Thàinig a-nall à Uig - nach bu chòir i sin."

[Gabh an t-sèist às dèidh gach rann.]



[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy