BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Àbhachdas
Bùth Dhòmhnaill 'Ic Leòid

Èist an seo


E horo Chalum Mhòir, thugainn comh' rium gu dram
Null do bhùth Dhòmhnaill 'ic Leòid 's gheibh sinn stòpan de leann,
'S nuair a bhios sinn 'ga òl 's math a chòrdas sinn ann,
Bidh ar n-inntinn air ceòl 's cha bhi òrain oirnn gann
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Bidh an seòmar cho blàth, bidh an t-àite cho brèagha,
Air an ùrlar fo'r bonn dathan donn, dubh is liath.
Chì thu putan beag bàn air am fàisg thu do mheur,
Thig fear-freasgairt mu'n cuairt 's na bheil bhuat a chur sìos
Air do bhialaibh air bòrd.

Dhe gach seòrs' a thèid òl bidh gu leòr fo do shùil,
Fear a' lìonadh nan stop 's a' cur cròic air an liunn,
Chì thu fìon thig o'n Spàinnt oirr' air fhàgail co-dhiùbh,
'S chì thu eun ann an cèidse shuas gu h àrd os do chionn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Chì thu togsaidean bhuat, bidh iad suas air an ceann,
Chì thu goc anns gach tè leth na rèiseadh o 'bonn,
Fear tha freasgairt na bùth tighinn 'gad ionnsaigh le dram,
'S their e 'n t-airgiod a-null 's their e mùthadh a-nall
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Chì thu dìsnean is tàileasg 'gan càradh air bùird,
Gheibh thu pàipear ri leughadh le speuclair dha d' shùil,
Bidh gach nì mar is còir eadar Dòmhnall 's a bhùth,
'S chì thu staidhre dol sìos, àit bhios riatanach dhuinn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Gheibh thu searbhadair shìos, gheibh thu siabann is bùrn,
'S los gum falmhaich thu mhias, tog a' chìochag 'na grùnnd.
Gheibh thu sgathan is cìr 's rud a shlìobas a-nùll,
'S a their loinn air do cheann, ged bhiodh sgall air gu chùl
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid bidh gach seòrs' innte cruinn,
Thig o thaobh Abhainn Chluaidh 's cuid tha nuas as na glinn.
Bidh a' chàbraid cho cruaidh ann an cluasan do chinn,
'S ged bhiodh bàrd ris gach gualainn dhiot 's fuaim ac' air seinn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

"Cuir a-nuas leth tè chruaidh," thuirt fear shuas mu'n cheann àrd,
"Gloine fìon," thuirt fear shìos air bheil fìor choltas ceàird.
"Happy Day, come away," 's e thuirt tè reamhar, bhàn
A bha bhlàth air a sròin, gun do thòisich i tràth
Dhol a bhùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Chì thu deòraideach ruadh agus spuaic air a mhaol
'N dèidh bhith Dòmhnach gu Luan glaiste suas aig na maoir;
Dh'fhalbh e 's dh'òl e tè chruaidh 's ghabh an truaghan an caoch,
'S chuir e eòlas an uair sin g'eil smuais anns gach braon
Th'ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Ni sinn cinnteach mu'm falbh sinn à balgam no dhà
Thig à Ìle thar fairg' air eil dealbh an Eich Bhàin;
Toradh brìgheil an arbhair as ainmeile gràn;
Cha bhi rìoghachd na h-Alba neo-shealbhach gu bràth
Fhad 's a dh'fhàsas innt' eòrn'.

Gloine mhòr dhe 'n Each Bhàn 's i air clàr mar ri pinnt,
Thèid an t-àran nas fheàrr leis gach làn a thèid innt';
Cha bhi dhuilgheadas oirn ach chò gann 's tha na buinn,
Cha eil iongnadh ann leam sinn bhith 'g ionndrainn na tìm
Nach robh phrìs aic' ach gròt'.

Air an aimsir a dh'aom bha mi smaòintinn an raoir,
O, 's ann oidhche Di-h-aoin' bhios am maorach 'ga roinn,
'S mu'n do riaraich mi mhnaoi 's rud an t-aon thoirt d'an chloinn,
Cha b'e pòca cho aotròm a dh'fhaodainn air spiaoid
Thoirt gu bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Bha i fhèin anns an iorghuill 's i cruinneachadh a' mhàil,
Bhiodh am bàillidh mu'n cuairt 's e gu gruamach ag ràdh-
"Ma tha 'n t-airgiod 'gad dhìth 's mar a lìbhrig thu à
Gheibh thu dearbhadh le cinnt bhith 'nad shìneadh Di-màirt
Air an t-sràid air do thòin."

Their na làithean a dh'aom orm caoineadh nan diar,
Tha a bhlàth air an t-saoghal g'eil saorsa dol sìos;
Nuair tha 'm bàrd 's e Di-h-aoine gun bhraon thèid 'na bhial,
'S e air fhàgail cho daor aig na daoine gun chiall,
A luchd-riaghlaidh a th'oirnn.

Anns an aimsir a dh'fhalbh thug iad Albainn fo chìs,
Rinn iad ìocshlaint nam buadh a chur suas ann am prìs,
Gus na gheàrr iad o'n t-sluagh e, mo thruaighe ri ìnns',
Gun do thràigh iad am fuaran bu dualach dha 'n tìr
Bha na mìltean ag òl.

Thràigh iad fuaran nam buadh, dh'fhàg iad sluagh ann an càs,
Tha na ceàrnachan tuath 's iad air thuar a bhith fàs;
Tha na fàrdraichean fuar a bha uaireigin blàth,
'S chan eil àbhachd aig cluais mur eil fuaim a' mhuir-làin,
Far am b'àbhaisteach ceòl.

Tha na ceàrnachan tuath ac' air thuar a bhith fàs,
'S ann tha àireamh an t-sluaigh a' dol suas tha 'nan tàmh.
Bidh am Bàrd Mac-an-t-Saoir fhathast daonnan an sàs,
Ach ma tha 's ann 's a' pholl agus toll air a mhàs,
Ged tha iad-san air dòigh.

Ach fhuair mi airgiod an dè 's bha e feumail 's an àm,
Ruith an t-ainmhidh a rèis 's fhuair e 'r èiginn a cheann
Chur air thus air a chòrr: bhuidhinn Dòmhnall an geall,
'S mi cho beartach ri Lord; thugainn còmhla rium-teann,
Sguir a chnuasach dò phòc.



Òran an A.I.


Èist an seo


An cuala sibh naidheachd, an cuala sibh naidheachd,
An cuala sibh naidheachd tha an-diugh feadh an àit'?
Na leugh sibh na forms a thàinig bhon Bhòrd
Ag innse mar 's còir dhan a' bhò dhol a dhàir?

Ma thuig mi na briathran, gach nì bha iad ag iarraidh:
Bha tubhailt le siabann bha mias is bùrn blàth;
Bha form le ainm ann an litrichean dearga
Ach an lorgadh an tarbh far robh 'n t-earball a' fàs.

Tha bodach is cailleach ri mo thaobh anns a' bhaile -
Chaidh mise an urras nach innsinn dhuibh càil -
Sa mhadainn a' bhòn-dè chaidh a' chùis mach à òrdugh -
'S e 'n ràn bh' aig a' bhò chuir na seòid ud an-àird.

Thuirt a' chailleach ris a' bhodach, "Bidh an-àird air do chasan,
Thoir leat as an sporan ud tasdan no dhà;
Theirg a-null chun a' fòn is cuir cùisean an òrdugh,
Is innis don Bhòrd gu bheil a' bhò leis an dàir."

Thuirt am bodach 's e 'g èirigh, "Cha tèid, theirig fhèin ann,
'S tu as luaithe gheibh èisdeachd 's tu ag èigheach cho àrd;
Cha chuala 's cha d' leugh mi 's chan fhaca mi 'm pàipear,
Chan eil fhios a'm fon ghrèin dè a' Bheurl' th' air an dàir."

Thuirt a' chailleach cho seòlta, "Cuiridh mis' air do dhòigh thu,
Thoir thusa leat ròp 's biodh a' bhò na do laimh;
Nuair thogas tu fòn is a chluinneas iad a crònan,
Bidh fios aig a' Bhòrd dè as còir dhut a ràdh."

Thàinig an tarbh ud na shuidh' ann an carbaid,
Gun adhairc, gun earball, cha robh calg air a' fàs;
Ma bha ruinge na chuinnlean chan eil e rim chuimhne -
'S gu faic mi chuid laogh cha bhi m' inntinn aig tàmh.

Bha bhò 's an damh ruadh anns a' bhàthaich an uair sin,
Nuair chaidh an duin'-uasal mun cuairt air na dhà;
Thuirt a' chailleach ris a' bhodach nuair fhuair iad a-mach e,
"Mur 'eil mis' air mo mhealladh 's e an damh chaidh a dhàir."

An sin nuair thuirt esan, "Eil sibh 'g iarraidh crodh bainne? -
Tha 'n seòrsa sin agam, an class dhiubh as fheàrr;"
'S ann a threagair a' chailleach, "Cha ghlèidh sinn cho fad iad,
Ma thèid iad rin athair, gun chas ach a dhà."

Ma bha siud ann rim linn-sa chan eil e nam chuimhne,
Ach dh'innis mi dhuibhse gu cinnteach mar bha;
Cumaibh nam chuimhn' e 's bithibh daonnan a' faighneachd,
Is innsidh mi dhuibh ma bhios laogh anns na dhà.

[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]

Coileach Peigi

Èist an seo

[Na facail le cead bho Kenna Chaimbeul.]

Sèist:
E horò fàth mo liondubh,
Fàth mo liondubh mar tha mì,
'S bochd leam a nochd, 's goirt leam a nochd,
'S bochd leam a nochd mar tha mì;
Fàth mo chruadail cruaidh ri aithris,
Gum bidh 'n coileach agam sgìth,
Chuala mi gun deach a leagail
'S coileach Peigi ris a' strìth.

Siud far an robh 'n naidheachd aoibhneach
Thogadh fonn orm 's mi sgìth,
Mun oifigeach aig a' bhanntraich
Gun do chaill e anns an t-srìth;
Thàinig e a thoirt dùbhlain
Chun an dùnain agam fhìn,
Sheas mo choileach beag gu duineil,
'S cuiream urram air a chaoidh.

Nuair a thòisich iad ri batal
Dh' fhàg a' phlapartaich mi tinn,
'S iad coltach ri dithis ghaisgeach
Bhiodh ag eathgarsaich a' ring ;
Coileach Peigi 's e na shiubhal
'G iarraidh cumhachan sìth
Nuair a chunnaic e chuid itean
Falbh na milteagan 's a' ghaoith.

Chì mi null 's a nall na gillean
Le 'n cuid gliogadaich gun bhrìgh,
Faodaidh geàrrd bhi air am brollach
'S e bhi fosgailt' aig na cinn;
Faodaidh uaireadair bhi cosgail
Agus dosgainn bhi na luib
'S e bhi eòlach air a' phosda
Falbh a dh'ospadal Phortrìgh.

Chan eil Gearmailteach no Frangach
Thàinig riamh a nall dhan tìr,
Dheanadh uaireadair le dial
Nach tig call orra ri tìd;
Saoilidh mi nach eil e furasd
Bhi gan cumail ris an tìm,
Ach 's ann tha'n cleoc nach caill a' mhionaid
Air a'spiris agam fhìn.

Chaidh mi laighe mu naoidh uairean,
'N dùil gun gluaisean ann an tìm,
'mas cuireadh an coileach cuairt
Gum bithinn suas aig Meall a' Ghnìob;
'S ann a dhùisgear mi le uamhas
Leis an fhuaim a bh'aig a'ghaoith,
Toirt an tughaidh far nan cruachan'
'S iad air thuar a dhol a dhìth.

Cuiream urram agus onair
Air a' chloc neach caill an tìm,
Ghearras mo chadal 's mo bhruadar
A cheart cho luath 's a ni e bìog,
Eiridh mi gu luath air m' uilinn,
Ged tha 'n druinnein agam sgìth,
Chan eil lethsgeul agam fuireach
'S tìde Lunnainn os mo chinn.

[Gabh an t-sèist às dèidh gach rann.]




Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy