BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Dòmhnall Norrie MacLeòid
A Mhurchaidh Bhàin nach tu tha tiugh


Sèist:

A Mhurchaidh Bhàin nach tu tha tiugh,
's e an ìm san gruth thug piseach ort.
A Mhurchaidh Bhàin nach tu tha tiugh,
's e feòil na muilt thug fàs ort.

Bu bhochd a tighinn dhan t-saoghal thu,
Ged ghabh do mhathair cùram dhiot,
'S Gun dh'fhàsainn thu cho daor oirr',
'S nach dùin a' bhriogais bhàn ort.

'S b' eòlach Màiri Fhionnlaigh ort,
Bu tric thu 'g iarraidh connlach oirre,
Ged dh'fhalbh thu 'n diugh le muillean as,
Cha chùm sin às thu a-màireach.

'S chì mi a' falbh gu daonan thu,
Le tasdan agus taod agad,
'S an-diugh gu lean na caoraich thu,
Gum faigh iad craobh no dhà bhuat.

'S bha dùil agam gum pòsadh tu,
'S gun leanadh gaoil na h-òige riut,
Do mhàthair bha cho mòr agad,
Chan fhaigh bean òg a h-àite.

'S ged a dh'fhalbh a' ghruag às 'd,
Cha b' e an aois thug bhuat i,
Ach cùram na bà ruaidh,
Is uallach mu do mhàthair.

[Gabh an t-sèist às dèidh gach rann.]



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy