BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Gillebrìde Mac'ille Mhaoil
A' bhriogais moleskin


'S fhuair mi briogais de "mhòleskin"
's bha i saor mar bu chòir dhith.
Tà, cha robh i ro bhòidheach
ann an dòigh thèid mi ràdh ribh.
On a chroch mi i a' chiad uair
gus deach i na h-iallan.
Cha robh latha 's a' bhliadhna
nach robh i 'g iarraidh a càradh.

Nuair a chaidh mi ga ionnsaigh
thuirt a' marsanta riumsa
bheir mi dhut cùnnradh
briogais ùr ghlan on tàilleir.
Bheir air trì is sia sgillin
'S gu dè 's fheàrr dhut na sineach
ged nach maireadh i mionaid dhut
bhiodh i guinea aig càch ort.

'S chreid mi nuair sin a bhriathran
's dùil nach innse e breugan.
Chuir mi null dha na dh'iarr e
ged nach b'fhiach i ach pàirt.
Dhe na thug mi seachad do d'airgead
's nach robh ann ach an t-ainm dhith.
Niste chunna mi am bargan
nuair bha mi searbh dhith ga càradh.

Siud a' bhriogais bha daor dhomh
mar a thuigeas na daoine.
Bha mi sàs innte daonnan
's iomadh aon thug dhomh snàthad.
Eadar phutan is aodach
is pìos a dhìth oirre daonnan.
Bha i not, tha mi smaointinn,
eadar saothair is càineadh.

Chan eil feum a bhith cantail
na bhith 'g innse mar thachair.
Tha mo bhriogais-sa seachad
's cha robh i math, tha mi 'g ràdh ribh.
Nuair a thug mi i dhachaigh
bha gach aon rium a' cantail
"'Si tha brèagha 's an dath,
Agus meal is caith i," ars à-san.

Saoil an urrainn dhomh innse
mar a ghiorraich i m'inntinn.
H-uile latha agus oidhche
'g iarraidh pìos gus a càradh.
Nuair a chromainn neo dhìrinn,
chluinninn sracadh gu h-ìseal.
Gus do dh'fhàs mi cho sgìth dhith
's thug mi dìreach dhan cheàird i.

Èist ri Gillebrìde Mac 'ille Mhaoil a' bruidhinn mu dheidhinn an òran seo.



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy