BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Donnie MacLeòid
Fiollaigean


Sèist:

Saoil a Mhòr am pòs thu?
Saoil am pòs thu Fiollaigean?
Saoil a Mhòr am pòs thu?
Theireadh gu leòr nach b'urra dhut.

Bha dùil gum bu cheannaiche mòr thu
As an robh stòr neo-chumant'
Gu facas do phoc ann an òrdugh
Siubhal air tòir na luideagan.

Nuair dh'èireadh am muir ma na beanntan
Suas mu na cruinn 'na ultaichean
Rachadh a' sgiobair fo rùm innt'
'S dh'fhàgadh e chuibhl' aig Fiollaigean.

'S beag a bha dhùil aig do mhàthair
Gur ann an Arnol thuiteadh tu
An dèidh cho fileant' 's a bha thu
Air an t-snàthaid mhiosailin.

Nuair a thigeadh muir-cùil ort
Suas mu shùilean Fiollaigean
Shealladh e rithist cho geur
'S gum faiceadh e sgiath nan cuileagan.

Dhèanadh tu maraich linn-mhòra
Dhèanadh tu stòp is buideal ann
Chuireadh tu math ann an òrdugh
Cearcall air tòin nan tubannan.

'S ged a bha Fiollaigean spàgach
Dhèanadh e ceàird a h-uile fear
Chuireadh e lusan 's a ghàrradh
Chuireadh e càl is curranan.

Thog thu taigh-geal ann an Arnol
As a robh àird neo-chumanta
Staidhrichean cama le sgàthan
As a' rùm-àrd aig Fiollaigean.

'S bha cuid dhen a chomunn bha suarach
Cuid a bha uasal urramach
Leann MacEwen cho làidir
'S thog e droch nàdar Fhiollaigein.

Chaidh litir a' null dhan a Fhraing
Is t' eile null a Ruisia
Pàipearan feadh a' Roinn Eorp'
Ag inns' mu phòsadh Fhiollaigean.

[Gabh an t-sèist às dèidh gach rann.]



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy