|
BBC Homepage Scotland Alba Radio nan Gaidheal | |||
| » | |||
Fios thugainn An toil leat an duilleag-sa? Cuir gu caraid i! | |||
SeiseanPicturebooks :: 17/01/08 :: 1845‘S ann às an Eilean Sgitheanach a tha Isbhel Strachan, an tè a sgrìobh an t-òran a bhuannaich agus ‘s iad na caraidean aice agus a bràthair a tha cluich anns a' chòmhlan còmhla rithe. Tha Ishbel air a bhith a' sgrìobhadh son greis a-nis ach thàinig The Picturebooks ri chèile gu math sgiobalta ‘s feum aig Isbhel air còmhlan son a cuideachadh leis an òran a sgrìobh i son farpais òran ùr Gàidhlig Rapail. B' e ‘Rockonica Bhearonica' a' chiad òran Gàidhlig a sgrìobh Isbhel riamh agus tha i an dùil cumail oirre gu h-àraidh as dèidh dhith stiuidio so-ghiùlain a bhuannachadh mar phàirt den fharpais againn, sin a bharrachd air a' bhidio a rinn sinn còmhla riutha. Tha an ceòl aig còmhlain mar Belle & Sebastian a' toirt buaidh air Ishbel gu mòr agus tha e follaiseach gu bheil i a' toirt sùil air an t-saoghal ann an dòigh eadar-dhealaichte. Meal an naidheachd a-rithist dha The Picturebooks airson na farpais againn son òrain ùr Ghàidhlig a bhuannachadh.
The Picturebooks: Rockonica Bhearonica (bhideo) The Picturebooks: Rockonica Bhearonica (seisean) Feumaidh tu RealPlayer (Beurla) fhaighinn. Tasglann |
About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy |