DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

BBC Homepage
Scotland
Alba
Radio nan
Gaidheal
»

Rapal
An DJ
Clàran-ciùil
Seisean
Tbh


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Seisean

Norrie MacÌomhair :: 24/01/08:: 1845

Bidh cuid agaibh eòlach air Norrie MacÌomhair bhon chòmhlan aige Bodega a tha air a bhith dèanamh uabhasach math on a thàinig iad còmhla bho chionn cha mhòr trì bliadhna as dèidh dhaibh coinneachadh aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd anns a' Phloc. Ach bidh Norrie cuideachd a' sgrìobhadh 's a' seinn na aonar, an dà chuid ann am Beurla agus Gàidhlig. B'e 'Latha Math Air An Eilean' an t-òran a chuir e steach airson farpais òrain ùr Ghàidhlig Rapail agus tha e mu dheidhinn nan cuimhneachan a th' aige bho bhith a' fàs suas ann an Leòdhas, rud air am bi e smaointinn an t-uabhas na làithean-sa is e a-nis a' fuireach anns a' bhaile mhòr. Mar as trice chan eil Norrie ga fhaighinn duilich idir a bhith a' sgrìobhadh òrain ùr Ghàidhlig ach bu mhath leis feuchainn air òran nas traidiseanta a chruthachadh agus tha e den bheachd gum bi sin nas duilighe a dhèanamh. Ge brith de an stoidhle a thaghas e tha sinn an dòchas gun cùm e air a' sgrìobhadh stuth ùr oir tha e follaiseach gu bheil an tàlant aige air a shon agus an guth cuideachd!

Norrie

Norrie MacÌomhair: Latha Math Air An Eilean

Norrie MacÌomhair: Agallamh

Feumaidh tu RealPlayer (Beurla) fhaighinn.

Tasglann



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy