|
BBC Homepage Scotland Alba Radio nan Gaidheal | |||
| » | |||
Fios thugainn An toil leat an duilleag-sa? Cuir gu caraid i! | |||
SeiseanInjuns :: 15/03/07:: 1900B' ann fhad 's a bha dithis dhiubh anns an àrd sgoil anns an Eilean Sgitheanach a thòisich an còmhlan air a bheil sinn eòlach an-diugh mar Injuns. Thòisich Hector Mac Aonghais, an drumair agus Leighton Jones an seinneadair 's a' cluich a' bhòrd-iuchrach, a sgrìobhadh òrain còmhla agus as dèidh dhaibh Drew Petrie, air an trompaid, a thoirt a-steach dhan chòmhlan chluich iad a' chiad chonsairt aca ann an taigh-òsta aig deireadh 2003. 'S e Sgitheanaich a thann an dithis eile dhiubh cuideachd, Daibhidh Macleòid, air a' bheus agus Mànus Greumach a bhios a cluich a' giotàir....ach s ann às an Danmhairc a tha Claes Cem, an cluicheadair giotàir eile. Chaidh an t-òran singilte aca Forming A Skin a thaghadh le luchd-èisteachd prògram rèidio Rapail mar Òran na Bliadhna 2006 agus s cinnteach gum bi a' chiad chlàr aca Lionel, Its A Complicated World làn òrain a bhios a cheart cho tarraingeach. Bidh iad a' cluich ann an Hootanannys ann an Inbhir Nis air 30mh Màirt agus a-rithist aig King Tuts ann an Glaschu air 8mh Giblean. ![]()
Feumaidh tu RealPlayer (Beurla) fhaighinn. Tasglann |
About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy |