Sgoilearan Àrd-sgoil Allt a’ Mhuilinn :: 21/02/08 ::1845

Seo an t-òran a sgrìobh na sgoilearan:
Ròs-searbh,ròs searbh,
Ròs-searbh na Frainge
Gu siorraidh na mo chuimhne
Gun diochuimhn' air na rinn thu
1.Làtha dhomh 's mi 'sireadh
Cuimhneachan mo sheanair
Laigh mo shùil air - donn le aois
'S bha mi còmh ris aon uair eile
2.Coiseachd air a 'mhachair
Còmhla ri mo sheanair
Thug e flùr dhomh,agus còmh' ris
Strì is cuimhne bh'air a chulaibh
SEIST
3.Fàileadh ùir 's na fluran
Rim mhaireann s na mo chridhe
Cuimhne geur ach blàths gam lionadh
A' cur lìobh air pian mo chridhe
4.Thàining thusa dhachaigh
Ged nach d' rinn do chàirdean
Gaisgeach sèimh gun feum air bonn
Neart a chridhe dha 'sa theaglach
SEIST
5.Tha thu nis nad shìneadh
Cnap nam amhaich 's deòir na mo shùil
Cha shearbh an ròs seo tha mi 'fagail
Dh'fhàg mi rìs,'s chan fhàg thu mise
6.'S fheudar dhomh nis èirigh
Oir tha latha ùr ann
Mo shùil a'laigh' air - dearg fo bhlàth
'S tha thu còmh' rium aon uair eile
SEIST
Sgoilearan Àrd-sgoil Allt a’ Mhuilinn: Ròs Searbh
Sgoilearan Àrd-sgoil Allt a’ Mhuilinn: Aithris
Feumaidh tu RealPlayer (Beurla) fhaighinn.
Tasglann