DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

BBC Homepage
Scotland
Alba
Radio nan
Gaidheal
»

Rapal
An DJ
Clàran-ciùil
Seisean
Tbh


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Farpais Òrain Ùr Ghàidhlig Rapail - Riaghailtean

  1. Tha an fharpais fosgailte dhan h-uile duine ann am Breatainn (a' gabhail a-steach Eileanan a' Chaolais Shasannaich agus Eilean Mhanainn). Feumar cead phàrantan a bhith aig neach sam bith fo aois 16 gus pàirt a ghabhail, agus feumar dearbhadh a chur an cois òran na farpais. Chan eil e ceadaichte dha luchd-obrach a' BhBC no an teaghlaichean pàirt a ghabhail san fharpais.
  2. Feumaidh na h-òrain a bhith a-staigh ro 12m air 15 Am Faoilleach 2010, agus cha ghabhar òran sam bith as dèidh sin .
  3. Feumar na h-òrain a chur thugainn tron phost no air post-d. gu

    BBC Radio nan Gàidheal
    52 Sràid na h-Eaglaise
    Steòrnabhagh
    Leòdhas
    HS1 2LS

    Post-d: rapal@bbc.co.uk

  4. A bharrachd air an òran bu chòir dha gach farpaiseach an ainm, seòladh agus àireamh fòn a chur na chois. Feumaidh na faclan a bhith sa Ghàidhlig agus feumaidh iad a bhith sgrìobhte ann an làmh-sgrìobhaidh no air coimpiutair. Bu chòir dhan òran gu h-iomlan a bhith air a chlàradh leis an fhonn agus na faclan air fad air teip, cd no mp 3. Faodar taic ciùil a bhith na chois cuideachd.
  5. Chan fhaod farpaiseach ach an obair fhèin a chur a-steach dhan fharpais, agus feumaidh iad cuideachd dearbhadh nach eil an t-òran aca a' briseadh laghan dlighean-sgrìobhaidh sam bith, no na còirichean aig duine sam bith eile. Tha cead aig a' BhBC coire a chur air neach eile an lùib briseadh chòirichean sam bith a dh' èireas.
  6. Nì pannal breithneachadh air gach òran a rèir nòis ùir, ùr chruthachaidh, faclan, agus fuinn.
  7. ‘S e am pannal sgioba Rapail agus Calum Dòmhnallach bho Runrig. Èistidh am pannal ri na h-òrain air fad gus geàrr-liost' agus an t-òran a bhuannaicheas a thaghadh. Mas e 's gu bheil dà òran co-ionann tha cead aig an àrd bhritheamh an co-dhùnadh a dhèanamh.
  8. Tha co-dhùnadh a' phannail seulaichte agus cha ghabhar ri conaltradh sam bith eile mu dheidhinn.
  9. Buannachaidh an neach a tha soirbheachail stiùidio beag so-ghiùlain, agus gheibh iad cuideachd cothrom bhidio a chlàradh le sgioba Rapail. Mur eil an neach a bhuannaicheas cofurtail le bhith a' seinn san bhidio, cuirear cùisean air dòigh gus an t-òran a chlàradh le seinneadairean agus luchd-ciùil freagarrach, a rèir iarrtasan sgioba Rapail agus an neach a tha soirbheachail.
  10. Chan fhaodar airgead a thabhainn an àite na duais, agus chan eil e ceadaichte an duais a reic.
  11. Feumaidh gach farpaiseach aontachadh pàirt a ghabhail ann an tachartas sam bith a thèid a chur air dòigh gus foillseachadh a thoirt dhan fharpais agus an fheadhainn a bhuannaicheas.
  12. Feumaidh an neach / còmhlan a bhuannaicheas na còirichean a thoirt dhan BhBC, agus còirichean gach suidheachaidh (son gach meadhon cleachte aig an àm seo agus san àm ri teachd) a thoirt seachad son an ùine aontaichte an sealbh-chòirichean a bhith aca.
  13. Bheir sgrìobhadair / sgrìobhadairean an òrain a bhuannaicheas na ceadan air fad seachad son gearradh, leth-bhric a dhèanamh, cur ris no toirt bhon òran, agus an t-òran atharrachadh, no eadar-theangachadh. Bheir an neach / còmhlan a bhuannaicheas seachad “coirichean moralta” sam bith a th' aca cuideachd.
  14. Tha na chuireas gach farpaiseach a-steach dhan fharpais cuideachd a' gabhail a-steach gach rud a nì iad air a' phrògram, ‘Rapal' – nam measg, seinn agus cluich an òrain fhèin ( a' gabhail a-steach ro dheisealachadh), faclan, fonn, agus clàradh sam bith eile – fuaim no bhidio.
  15. Tha cead aig a' BhBC (i) an fharpais a chur dheth no atharrachadh, (ii) na duaisean atharrachadh, no (iii) neach no còmhlan sam bith a bhriseas na riaghailtean, no a tha ri foill ann an dòigh sam bith a chur a-mach às an fharpais.
  16. Cha chleachd am BBC fiosrachadh pearsanta ach airson an fharpais seo a ruith, 's cha tèid am foillseachadh, no an toirt do dhuine sam bith eile gun chead. Faodar barrachd a leughadh mun BBC Privacy Policy.
  17. Tha an fharpais a' leantainn Modhan a' BhBC son Farpaisean agus Bhòtan agus gheibhear am fiosrachadh gu lèir aig an làraich BBC Standards and Guidelines.
  18. ‘S e am BBC a tha a' cur an fharpais seo air dòigh agus ‘s e laghan na h-Alba a tha iomchaidh.
  19. Thathar air gabhail ris gu bheil gach farpaiseach air na riaghailtean a leughadh agus gu bheil gach farpaiseach ag aontachadh a bhith a' gabhail ri na riaghailtean sin.

Ma tha ceistean sam bith agad mun fharpais cuir fios gu sgioba Rapail air post-d gu - rapal@bbc.co.uk , no cuir fòn thuca air 01851 70 5000.




About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy