Thadhail MacIlleathain air na bràithrean grunnan thursan, agus thug e sìos stòras den sgeulachdan. Le cead bho Sgoil Eòlais na h-Alba, seo trì dhiubh nam briathran fhèin:
Uile-bhèist Loch Nis
‘S e an fhìrinn a th’ ann. Tha mise ga chreidsinn. Chuala mi aig m’athair is mo mhàthair e, agus tha e glè shean, gun robh seann fheadhainn ga fhaicinn ann an sin. Chuala mi airson aon seann duine a bha a’ fuireach faisg air an sin. Agus bha e ri obair air choireigin. Cha chreid mi nach ann a’ cliathadh no ri obair air choireigin anns a’ chroit aige a bha e, san talamh dheirg. Agus tha a chasan cho salach leis an talamh. Agus chaidh e a-nall gu taobh an locha a ghlanadh a chasan ann an taobh an locha. Agus thàinig am beathach fiadhaich a bha seo, thàinig e a-staigh làmh ris gu tìr. Agus theich e agus dh’fhàg e na brògan aige taobh an locha. Agus bha cuid a’ dèanamh fanaid air, ach bha an duine ceart gu leòr.
Agus chunnaic mi a-rithist ann an leabhar air choireigin: Calum Cille, nach b’ fhada bhuaithe sin bhon a bha - chan eil cuimhne agam dè seo a’ bhliadhna a bh’ ann, glè fhada air ais – chaidh e sìos gu Inbhir Nis uair agus nuair a bha e a’ dol sìos ann an sin bha e airson a dhol thairis air an loch aig a’ chaolas shìos. Chuir e fear a-nall airson a’ bhàta a bha thall. Bha bàta thall. Agus chaidh e air adhart, ach thill e. Cha leigeadh an t-eagal leis a dhol. Bha am beathach fiadhaich ann an sin. Chunnaic e e, agus chunnaic Calum fhèin e. Agus thuirt e ris an fhear, “cùm air”, agus thuirt e ris a’ bheathach tilleadh. Agus thill am beathach, agus chaidh e air adhart. Sin a’ chiad iomradh air. ‘S iomadh duine sin a chunnaic e bho chionn fhada air ais agus bhiodh iad a’ dèanamh dibhearsan dheth. So, chan eil teagamh nach eil e an sin.
Am Prionnsa Teàrlach an Srath Ghlais
Bha iad ag ràdh gu robh am Prionnsa Teàrlach an seo, gun tàinig e a-nall a Ghleann Moireasdan à seo, gun tàinig e air chùrs, agus bha e oidhche shuas an sin, an àite ris an can iad Cnoc Fhionn. Agus thàinig e sìos fad an rathaid gu Bràighe Chomair - a their iad ris – ann an sin. Agus thachair teachdaire ris ann an sin a ràdh nach robh e sàbhailte dha a dhol na b’ fhaide mar sin. Bha e a’ dèanamh air Loch Bhraon ach thàinig teachdaire na choinneamh a ràdh ris, chan eil e sàbhailte dhut a dhol an rathad sin. Agus thill e air ais agus chaidh e air ais a-rithist a-null gu ruig Gleann Moireasdan an sin. Agus thàinig e ann an seo. Agus am fear a bh’ ann an Comar an tràth sin, an t-Siosalach a bh’ ann an Comar, an tuathanach, chaidh e an-àirde le aran agus càis agus fìon dha ann an sin. ‘S e fìon a thuirt iad ach tha mi a’ dèanamh a-mach gur e fìon làidir a bhiodh ann.
An Tiodhlacadh
Uill, bha fear shìos ann an seo ach o, bha e glè ghlic ann an aon dòigh ach bha e rud beag aotrom ann an dòigh eile. Ach bha e glè eirmseach as na rudan a theireadh e. Agus bha e ann an sin, is dh’fhàs a mhàthair sean, agus chaochail a mhàthair. Agus thiodhlac e a mhàthair. Agus an ath-oidhche an dèidh dhan tiodhlacadh a bhith ann bha, mar a their iad anns a’ Bheurla, Harvest Home ann an sin, dannsa agus an leithid. Agus chaidh e a dh’ionnsaigh an dannsa. Agus bha e beagan air deireadh gun ruighinn. Agus bha fear aig an doras a’ cur mun cuairt drumachan na deoch, no rud dhan a h-uile duine a ruigeadh. Agus nuair a ràinig Fionnlagh dh’fhaighneachd am fear sin ris: “Co dhiubh is docha leat, drama no deoch?” “Ah! Uill, on a choisich mi cho bras gabhaidh mi an dà chuid.”
Chaidh e a staigh; b’ ann anns an t-sabhal a bha an dannsa. Agus bha e ag èirigh air dannsa an sin is bha fallas air. Agus nuair a bha an dannsa thairis rinn e suidhe mar seo, agus an uair a thug e sùil, cò bha làmh ris ach an sagart. B’ ann de chreideamh an t-sagairt a bha e. Agus “By gosh,” thuirt e. “Tha mi a’ creidsinn gu bheil sibh a’ gabhail iongantas mise fhaicinn cho cridheil ann an seo a-nochd an dèidh mo mhàthair bhochd a thiodhlacadh.” “Uill, bhon a thàinig thu fhèin thairis air chan urrainn dhomh gun a bhith a’ gabhail iongantas,” thuirt e. “Ah uill, ma chaidh i a dh’Ifrinn,” as esan, “cha toir mise às i, agus ma chaidh i a Ghlòir cha b’ e bròn bu chòir a bhith a’ dèanamh air a son.