

Taigh a' Cheathraimh
Niall Guinne
© Dairmid Gunn
‘S e loidse-seilge a th’ ann an Taigh a’ Cheathraimh. Tha e suidhichte ann an 12 acair de choille air bruach na h-Aibhne Ghlais, eadar baile Chanaich agus Tomaich. Tha cuid de na glinn as àlainne ann an Alba faisg air làimh; Gleann Afraic agus Gleann Canaich nam measg. An-diugh tha an loidse ga cleachdadh mar àite-fuirich.
Anns na 1950an, b’ e seo an dachaigh aig an sgrìobhaiche Niall Guinne. Rugadh e ann an Dùn Beithe air cladach an ear Ghallaibh sa bhliadhna 1891. Bha e ag obair do Sheirbheis a’ Chusbainn airson 26 bliadhna, cuid mhath dhen ùine sin ann an Taigh-staile a’ Ghlinn Mhòir ann an Inbhir Nis. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1937 gus a bhith na sgrìobhaiche làn-ùine.
Thòisich e a’ sgrìobhadh sa bhliadhna 1921, a’ foillseachadh artaigilean agus sgeulachdan goirid. ‘S e an leabhar Highland River a thug e gu aire dhaoine an toiseach agus sgrìobh e 27 leabhraichean eadar 1926-1956. Tha leabhraichean mar The Silver Darlings a tha toirt dhuinn dealbh air iasgach a sgadain nuair a bha an obair sin aig àrd ìre, agus Butchers Broom, stèidhichte ann an linn nam fuadaichean, a’ ciallachadh gu bheil Niall Guinne air aon de na sgrìobhaichean bu chudromaiche a bha ann an Alba ri linn. Tha an obair aige air eadar-theangachadh gu Ruiseanais, Fraingis, Gearmailtis, Spàinnis, Dùitsis, agus an cànan Seacach. Bha riamh aithreachas air nach robh Gàidhlig aige.
Bho chaochail e sa bhliadhna 1973, chaidh còig leabhraichean eile den obair aig Niall Guinne fhoillseachadh, agus chaidh an Neil Gunn Society a stèidheachadh sa bhliadhna 1985.