

Na Seumasaich
B' fheudar do Sheumas VII, Rìgh Alba (an Rìgh Seumas II ann an Sasainn) teicheadh dhan Fhraing an dèidh an Ar-a-mach Glòrmhor ann an 1689 nuair a fhuair Uilleam agus Màiri an crùn.
Ann an 1714 thàinig an rìgh Hanòbharach Seòras I gu rìgh-chathair Bhreatainn, is cho-dhùin na Seumasaich, le cho beag meas 's a bh' aig daoine air Seòras, gun dèanadh iad ar-a-mach gus an crùn a thoirt air ais do na Stiùbhartaich. Cha do shoirbhich leotha ann an 1715 is cha do thill Seumas air ais a dh'Alba gu bràth tuilleadh.
As dèidh oidhirp mhì-shoirbheachail athar, gus an rìgh-chathair fhaotainn air ais do na Stiùbhartaich, stiùir am Prionnsa Teàrlach, a dh'aithnichear mar 'An Tagraiche Òg' an dàrna Ar-a-mach dha na Seumasaich ann an 1745.
Thogadh bratach nan Seumasach air an 19mh Lùnastal 1745 aig Gleann Fhionghain agus Teàrlach Eideard Stiùbhart air èigheachd na leas-rìgh agus athair na Rìgh Seumas VIII agus III. Thòisich an t-arm aige a' mèarrsadh gu ruig Lunnainn ach cha d'fhuair e na bha dùil de thaice ann an Sasainn. Chuir iad romhpa tilleadh don Ghàidhealtachd. Bha arm fo Uilleam Augustus, Diùc Chumberland, mac a b' òige aig Rìgh Seòras II, air an ceann. Thàinig an dà arm gu chèile air Mòinteach Dhruim Athaisidh, no Cùil Lodair air 15mh Giblean 1746.
Bha an t-arm Seumasach na bu lugha ann an àireamh, air an droch uidheamachadh agus gann de dh' armachd-losgaidh agus de dh' eachraidh. Bha iad air mèarrsadh fad na h-oidhche roimhe agus bha an t-acras orra. A bharrachd air sin bha am fearann freagarrach don eachraidh agus do na gunnaichean mòra aig Cumberland agus gu tur mì-fhreagarrach don dòigh-cogaidh a b' fheàrr le na Seumasaich - an ionnsaigh Ghàidhealach. Chaidh ruaig a chur air na Seumasaich taobh a-staigh uair a thìde. B' e seo am blàr mu dheireadh de shabaid làmh-ri-làimh ann am Breatainn.
B' ann às Gàidhealtachd na h-Alba agus Èirinn a bha a' mhòrchuid de na Seumasaich. Bha luchd-taic cuideachd anns a' Chuimrigh agus ann an ceann a tuath Shasainn. Cha b' ann eadar Alba agus Sasainn a bha Blàr Chùil Lodair idir.
An dèidh mìosan na fhògarrach air a' Ghàidhealtachd fhuair am Prionnsa air ais don Fhraing far na chaochail e sa bhliadhna 1788. Ach thug Bliadhna Theàrlaich buaidh a mhair cus na b' fhaide na sin air saoghal nan Gàidheal.