

[Comharradh-clèithe: NH 557 355]
Cha robh an t-eòlaiche ainmean Uilleam MacBhàtar làn chinnteach dè bha an t-ainm seo a' ciallachadh ach bha e den bheachd gu faodadh e bhith gu bheil e bhon fhacal bhritheachan, a' tighinn bhon fhacal bri as an t-seann Ghàidhlig Èireannach, a' ciallachadh hill, oir tha bruaich na luiche cas an seo.
Tha am baile beag seo air bruaich an iar Loch Nis, mu thrì mìle an iar-dheas air ceann a tuath na luiche. Ceithir mìle gu deas tha Druim na Drochaid agus Caisteal Urchadain.
Tha mòran de na craobhan ann an Coille Obar Itheachain air tighinn bhon t-seann stoc Ghàidhealach ged a tha Coimisean nan Coilltean cuideachd air craobhan a chur innte. Cheannaich Urras a chaidh a stèidheachadh leis a' choimhearsnachd a' choille ann an 1995 agus tha iad air mòran leasachadh a dhèanamh oirre bhon uairsin.
Tha Katharine Stewart air grunn leabhraichean a sgrìobhadh mun bheatha a bh' aice ann an Obar Itheachan far an robh i a' fuireach air croit bho 1950 gus an do ghluais i gu Inbhir Nis anns a' bhliadhna 2000. Nam measg tha A Croft in the Hills [Stewart, Katharine, 2000. A Croft in the Hills. Mercat ] agus A Garden in the Hills [Stewart, Katharine, 2006. A Garden in the Hills. Mercat].
© David MacLennan