 
Dòmhnall Gobha Siosal
Gleann na Cìche © Ted Spiller
Rugadh Dòmhnall Siosal, no Dòmhnall Gobha mar a b’ fheàrr a dh’aithnichear e, ann an Cnoc Fin, Srath Ghlais sa bhliadhna 1735. B’ e sàr bhàrd a bh’ ann agus choisinn e cliù ann an Srath Ghlais mus do ghluais e a dh’Alba Nuadh ann an 1803. Chuir e seachad fichead bliadhna ag obair mar fhorsair aig A’ Chìoch ann an ceann shuas Srath Ghlais. A bharrachd air an tuathanas a bh’ aige ann an Cnoc Fin, bha pìos den bheinn aige air mhàl. Ach, ged nach eil fios le cinnt carson, chaill e am fearann sin. Bha e mar gum biodh e air muime a chall: Chuir mo bhanaltram cùl rium; Chaill mi ‘n cupan bha fallain. Fhuair na Frisealaich còir ort, ‘S chaidh mis’ fhògar le m’ aindeoin. [MacDonnell, Margaret, 1982. The Emigrant Experience, Songs of Highland Emigrants in North America. London: University of Toronto Press]
Agus, bha sgaradh na bu mhiosa fhathast ri thighinn. Phòs Dòmhnall Mairead, nighean Dhòmhnaill Siosal, à Cnocan-dàimh. Bha sianar chloinne aca: Alasdair, Iain, Uilleam, Gilleasbaig, Dòmhnall agus Fionnlagh. Bhàsaich a bhean mus deach Dòmhnall a dh’Alba Nuadh. Bha muinntir Srath Ghlais ann an suidheachadh gu math cugallach aig toiseach an 19mh linn. Bha Dòmhnall Gobha glè shean mun àm sin; ro shean airson a bhith a’ feuchainn air dreuchdan ùra sam bith, mar a b’ àbhaist dha a bhith a’ dèanamh nuair a bha e òg is làidir. Ach bha e mothachail gu robh daoine mun cuairt a’ fulang fo uachdaran carach, agus gur e eilthireachd an aon roghainn chothromach a bh’ aige. Na òige, cha do smaoinich e a-riamh air Srath Ghlais fhàgail; ach a-nis bha a chàirdean ‘s a charaidean a’ moladh an dearbh rud. San òran Bha mi òg ann an Srath Ghlais, dh’fhàg Dòmhnall dealbh coileanta den t-suidheachadh anns an robh e: Bha mi òg ann an Srath Ghlais,
‘S bha mi ‘n dùil nach rachainn às, Ach bhon chaidh na suinn fo lic Nis gabhaidh mi ‘n ratreuta. Tha mo cheann-sa niste liath,
‘N dèidh na chunnacas leam riamh;
‘S ged is èiginn dhomh bhith triall, A shiorrachd, ‘s beag mo spèis dha. Ged a tha mo choiseachd trom, Togaidh mi m’aigne le fonn; ‘S ‘n uair a thèid mi air an long, Cò chuireas rium geall-rèise? ‘N tàcharan seo th’ air ar ceann Sgiot e dhaoine ‘s tha iad gann;
‘S fheàrr leis caoraich chur am faing
No fir an camp fo fhèileadh. Comunn càirdeil chan eil ann, Chan eil èisteachd aig fear fann; Mur cuir thu caoraich ri gleann Bidh tu air cheann na dèirce. ‘N uair a bha mi làidir, òg, Dhèanainn cosnadh air gach dòigh; Ach a-nis bhon dh’fhalbh mo threòir, Tha mi air stòras feumach. Gheibh sinn acraichean bhon rìgh, Tighearnan gun dèan e dhinn; Cha b’ ionnan ‘s a bhith mar bha ‘n linn Bha pàigheadh cìs do Cheusar. Na biodh eagal oirbh mun chuan; Faicibh mar sgoilt a’ Mhuir Ruadh. Tha cumhachdan an Tì tha shuas An-diugh cho buan san chiad là. [MacDonnell, Margaret, 1982. The Emigrant Experience, Songs of Highland Emigrants in North America. London: University of Toronto Press]
Bha caraidean Dhòmhnaill toilichte gun deach e air bòrd an t-soithich; chaidh an ùine seachad na bu luaithe le òrain agus àbhachdas. A rèir coltais, cha d’fhuair iad briseadh dùil sam bith; rinn Dòmhnall co-dhiù aon òran fhad ‘s a bha iad aig muir. San òran Òran do Shiosalaich Srath Ghlais, tha Dòmhnall a’ dèanamh iomradh air fir an t-Sratha: B’ e bàs an t-Siosalaich ghleust’ A bhrist air osnaich mo chlèibh,
‘S adhbhar m’ acain thu bhi ‘n cèisibh bhòrd. Chaill sinn Ruairi an Àigh, Fear a dh’ fhuasgladh gach càs; An-diugh cha ‘n aithne dhomh àicheadh beò. Agus Donnchadh na dhèidh, Bu shàr cheannard nan ceud; Dh’eug e ’n Lunnainn, ‘s mo lèir-chreach mhòr. [Chisholm, Colin, 1884-85. Old Gaelic Songs. Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol XI.]
A rèir beul-aithris, rinn Dòmhnall a dhachaigh air tuathanas ann an Lower South River ann an Siorrachd Antigonish ann an Alba Nuadh. Bhàsaich e an sin sa bhliadhna 1810. |