Rinn na saighdearan dearga sgrios ann an Gleann Canaich ann am Bliadhna Theàrlaich, agus bha dithis gu sònraichte aig an robh droch chliù. B' e iadsan am Màidsear Seumas Lockhart agus an Caiptean Raibeart Caimbeul.
Chaidh luaidh a thoirt orra ann am bàrdachd:
"Tha 'n crodh agam ann an Sasainn; Cha d'fhàg iad beathach agam air pàirce; Thug iad uam brìgh mo thachradh - 'S e Màidsear Lockhart an t-aireach."
[Mackay, William, 1893. Urquhart and Glenmoriston: Olden times in a Highland parish. Inverness: Northern Countries Newspaper and Printing and Publishing Co.]
"Caimbeulach dubh Earraghaidheal Mac a Mhurtair, odha mhearlaich, Air an t-sraichd a fhuair e àrach 'S bhiodh e'm pàirt ri mearlaich a chruidh."
[Mackenzie, Alexander, 1891. History of the Chishoms, with genealogies of the principal families of the name. Inverness: Mackenzie]
Bha iomadh droch inneas ga thoirt air na saighdearan dearga.