http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

01 An t-Sultain, 2008 - Air fhoillseachadh aig 09:12 BST

Banachdach aillse sna h-Eileanan

Thèid tòiseachadh an t-seachdain seo air sgeama banachdaich do chloinn-nighean anns na h-Eileanan Siar an aghaidh aillse muinneal na machlaig, (aillse cervical).

Bidh clann-nighean 12-13 bliadhna a dh'aois a' faighinn na banachdaich.

Tòisichidh an sgeama ann an Siorrachd Lannraig, Roinn a' Mhonaidh, agus Taobh Tatha a bharrachd air na h-Eileanan Siar.

Gheibh clann-nighean anns na h-Eileanan Siar a' bhanachdach bho Dhihaoine.

Thèid an sgeama a leudachadh gu air feadh na h-Alba anns na seachdainnean a tha roimhainn.

Human Papilloma Virus

Bidh an sgeama a' ruith air feadh Bhreatainn cuideachd, ach leis gu bheil na teirm sgoile a' tòiseachadh nas tràithe ann an Alba na an còrr de Bhreatainn, 's ann an Alba a thòisicheas e.

Bidh mu 100 boireannach a' bàsachadh ann an Alba gach bliadhna ri linn aillse muinneal na machlaig.

Tha a' chompanaidh GlaxoSmithKline, a bhios a' dèanamh na banachdaich ag ràdh gum faodadh e dìon a chur air 70% de bhoireannaich.

'S e am prògram banachdaich as cosgaile a tha gu bhith ri fhaighinn bho Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte, agus gach dòs dheth a' cosg £240.

Chaidh draghan a thogail ge-tà, gun tèid nas lugha bhoireannach airson sgrùdaidhean smear ma tha iad air a' banachdach fhaighinn.

Bidh a' bhanachdach a' dìon bhoireannach bhon ghnè as cumanta den tinneas - an Human Papilloma Virus (HPV), ach ged a bhiodh boireannach air a' bhanachdach fhaighinn, dh'fhaodadh fhathast gun tigeadh gnè eile den tinneas oirre.

Thathas a' faicinn lùghdachaidh anns na tha de bhoireannaich òga a' dol airson sgrùdaidhean smear mar thà.

Tha eòlaichean slàinte ag ràdh gum bu chòir do bhoireannaich òga a dhol airson na sgrùdaidhean àbhaisteach fhaighinn fiù 's ged a bhitheadh iad air a' bhanachdach fhaighinn.