Seònaid NicIomhair

Earrann Sìona Ag Atharrachadh

22mh Dùbhlachd 2008, Seònaid NicIomhair

Halò. Chaidh earrann ùr a chur ri làrach-lìn Sealladh air Sìona feasgar. 'S e Sìona Ag Atharrachadh a th' air. Tha fiosrachadh ann mu chuspairean a tha cudromach ann an Sìona an-diugh mar, An Àrainneachd & Lùth, Atharrachaidhean Poilitigeach agus Dòighean-beatha ag atharrachadh.

Earrann Sìona Ag Atharrachadh

Gheibh thu air beachdan dhaoine a tha a' fuireach anns an dùthaich a leughadh. Tha pìosan fiosrachaidh goirid an cois gach cuspair cuideachd. An robh fios agad mar eisimpleir gu bheil còrr air 5.5 millean tidsear bun-sgoil ann an Sìona? Tha barrachd an sin na tha de dhaoine a' fuireach ann an Alba gu lèir.

'S e Sìona Ag Atharrachadh am pàirt mu dheireadh a bhios a' dol ri làrach-lìn Sealladh air Sìona. Mar sin, bheir mise soraidh leibh an-dràsta. Tha an sgioba riochdachaidh a thog agus a dh' obraich air an làraich a-nis a' gluasad a dh' obair air measgachadh de làraich-lìn eile. 'S dòcha gun tadhal thu air feadhainn aca nuair a tha iad deiseil. San eadar-ama, tha mi an dòchas gun còrd Sealladh air Sìona ribh.

dàng àn

(g. tasglann)

  • DiD
  • DiL
  • DiM
  • DiC
  • DiA
  • DiH
  • DiS
  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5
  • 6
  • 7
  • 8
  • 9
  • 10
  • 11
  • 12
  • 13
  • 14
  • 15
  • 16
  • 17
  • 18
  • 19
  • 20
  • 21
  • 22
  • 23
  • 24
  • 25
  • 26
  • 27
  • 28
  • 29
  • 30
  • 31

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.