Cathaidh

A' cur eadar-theangachadh Gàidhlig ri na prògraman TBh

24mh Lùnastal 2008, Cathaidh

A thaobh prògraman telebhisein Sealladh air Sìona, gu ruige seo:

- tha na dealbhan ann an òrdugh
- tha na fo-thiotalan deiseil.

Dè-a-nis?... Guthan a chur riutha.

Clàr sinn guthan chòignear an-diugh anns an dub. Tha e doirbh tomhas a dhèanamh air an ùine a tha dhìth airson guthan a chlàradh thairis air an cànan Mandarin. Tha diofar adhbhar airson seo:

- feumaidh gach facal a bhith soilleir
- feumaidh na facail a bhith an aon fhaid no nas giorra na Mandarin
- feumaidh daoine cothrom fhaighinn èisteachd ri na facail Mandarin
- feumaidh daoine cothrom fhaighinn èisteachd ri na daoine ann an Sìona.

Liosta de chuid de na guthan a tha rin clàradh
A' clàradh guthan Gàidhlig

Dh'obraich an clàr-ama math dha-rìribh. Bha ùine gu lèor aig gach duine agus bha iad uile proifeiseanta nan dòigh. Chlàr Bronek, am measgadair fuaim, na guthan. Bha mise a' cumail mo shùil air an sgriobt fhad 's a bha gach duine a' bruidhinn. Sin gus dèanamh cinnteach gu robh sinn a' cumail ris an sgriobt agus gus co-dhùnadh a dhèanamh air am feumadh seantansan atharrachadh no a ghiorrachadh.

Tha clàradh eile ri dhèanamh a-màireach. Measgachaidh Bronek an uairsin am fuaim a chlàir sinn dha na phrògraman.

dàng àn

(g. tasglann)

  • DiD
  • DiL
  • DiM
  • DiC
  • DiA
  • DiH
  • DiS
  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5
  • 6
  • 7
  • 8
  • 9
  • 10
  • 11
  • 12
  • 13
  • 14
  • 15
  • 16
  • 17
  • 18
  • 19
  • 20
  • 21
  • 22
  • 23
  • 24
  • 25
  • 26
  • 27
  • 28
  • 29
  • 30
  • 31

háng huà

(g. facail feumail)

Dub

A' cur fuaimean nach robh anns a' chlàradh bho thùs ri film, m.e. ceòl agus guthan.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.