18mh Ògmhios 2008, Gerald

Tha uiread ri dhèanamh. Feumaidh mi na dh'fhilm sinn a' logadh. Ach tha foirm nan cosgaisean agam a' toirt cho fada. Tha iad ga mo chur às mo rian.
Feumaidh sinn cosgaisean a chur a-steach airson a h-uile càil a cheannaicheas sinn air a' phròiseict gus am faic sinn far a bheil an t-airgead a' dol. Mar a thuigeas tu, tha tòrr chosgaisean agam as dèidh ceithir seachdainean de cheannach ann an Sìona. Bha againn ri pàigheadh airson rudan mar taighean-òsta, diathadan a' chriutha agus uisge airson ar cumail a' dol tron teas. Bha againn ri pàigheadh airson filmeadh ann an cuid de dh'àitean, plèanaichean… tha an liosta a' leantainn. AGUS tha cuid sgrìobhte ann am Mandarin. Bha mi glè mhath air a bhith a' sgrìobhadh orra dè bh' annta mar a bha mi a' dol air adhart - "dìnnear do chòignear, taigh-bìdh, Beijing, 3mh Ògmhìos" ach nuair a tha thu trang a' filmeadh tha thu an-còmhnaidh a' fàgail fear no dhà a-mach.
Mar sin, tha mi a-nis a' feuchainn ri cuimhneachadh dè th' ann an cuid de na cosgaisean a rèir a' chin-là agus a' bhaile anns a bheil iad. 'S e cràdh eanchainn a th' ann.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
A' comharrachadh far a bheil pìosan film a tha thu airson a chleachdadh ann am prògram a' tòiseachadh agus a' stad.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.