16mh Ògmhios 2008 00:00, Gerald
Shaoil mi gum bu chòir dhomh nochdadh oir tha greis (uill, seachdain) bho sgrìobh mi.
Tha sinn a-nis air tilleadh à Sìona agus tha sinn ag ullachadh airson na dh'fhilm sinn a ghearradh. Tha sin a' ciallachadh gu bheil daoine an seo air na rushes againn a bhiathadh a-steach a shiostam a' BhBC, gu bathar-cruaidh coimpiutair mòr. Gheibh sinne an uairsin air a h-uile càil a dh'fhilm sinn fhaicinn air coimpiutair gun beantainn ri na teipichean. Chan eil teipichean ro sheasmhach uaireannan agus mar sin tha e nas fheàrr gun an cleachdadh ach mar a dh'fheumas tu. Tha an stuth a bhith againn ann an cruth didseatach a' ciallachadh gun urrainn dhuinn obrachadh nas luaithe.
An-dràsta tha sinn a' cur seachad gach là a' coimhead ris a h-uile rud a dh'fhilm sinn agus a' togail a-mach na pìosan a tha sinn airson cleachdadh. Tha sinn a' tilleadh gu ar sgriobtaichean a dh' fhaicinn dè tha ag obair agus dè nach eil agus ag atharrachadh gnothaichean mar a thig oirnn. Tha sinn cuideachd a' coimhead ri na eadar-theangaichean slàn a dh'fhaicinn dè dìreach a thuirt daoine tro na h-agallamhan. Fhad 's a bha na h-agallamhan a' dol air adhart bha Seòras ag eadar-theangachadh dhuinn. A bharrachd air an sin bha sinn feumach air eadar-theangachadh air an robh còd tìm (sin àireamhan a tha ag innse dhuinn dè tha a' tachairt cuin air an teip). Bhon a sin tha sinn ag obrachadh a-mach cuin a thòisicheas agus a cuin a chuireas sinn crìoch air agallamh san t-seòmar gearraidh. Chan eil sinn airson daoine a ghearradh dheth ann am meadh…
Tha againn cuideachd ri bruidhinn ri na daoine a tha a' cruthachadh nan tiotalan agus fo-thiotalan airson am prògram. 'S e rud eile a dh'fheumas sinn a dhèanamh an ceòl gu lèir a tha sinn ag iarraidh a chleachdadh anns na prògraman a thaghadh agus smaoineachadh mu cò na guthan a chleachdas sinn tro na prògraman.
'S dòcha nach eil sinn ann an Beijing thrang tuilleadh, ach tha gu leòr ri dhèanamh an seo oir tha sinn a' tòiseachadh a' gearradh ann am beagan is seachdain.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Gach rud a chaidh fhilmeadh mar a thig e far an camara, le mearachdan ann fhathast agus stuth eile nach tèid dhan prògram.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.