10mh Ògmhios 2008, Seònaid
Thill Alasdair, Gerald agus Maria a Ghlaschu à Siona a-raoir. Dh'fhàg Alasdair na teipichean a chlàir e againn agus tòisichidh sinn an ullachadh airson na bhidiothan a chur air-loidhne. Chaidh na tèipichean gu ingest an-diugh. Tha sin a' ciallachadh gun tèid na rushes a bhiathadh a-steach a shiotam coimputair a' BhBC. Gheibh sinn an uairsin air a h-uile càil a dh'fhilm an sgioba don làraich-lìn fhaicinn air coimpiutair.
Tha Alasdair, Gerald agus Maria dheth airson latha no dhà a-nis. Nuair a thilleas iad dhan oifis, bidh am film anns an t-siostam agus deiseil airson obrachadh air. Comharraichidh Alasdair far a bheil gach pìos a dh'fhilm e don làraich-lìn anns na rushes agus cuiridh mise air an làraich iad. Feuch gun till thu airson na bhidiothan fhaicinn.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Gach rud a chaidh fhilmeadh mar a thig e far an camara, le mearachdan ann fhathast agus stuth eile nach tèid dhan prògram.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.