Cathaidh

A' clàradh an dràma mu dheireadh

9 Ògmhios 2008 00:00, Cathaidh

Uill, chaidh an dà dhràma rèidio mu dheireadh a chlàradh Disathairne. 'S e an dà phrògram airson clann aois 7 gu 9 a bha seo. Ged a bha mi a' smaoineachadh gum biodh fad an latha a dhìth oirnn - bha sinn deiseil mu 3.30 feasgar. Tha diofar adhbharan ann airson seo - bha na cleasaichean eòlach air na loidhnichean aca, bha na dràmathan na bu ghiorra agus bha Gregor air na maicreafòns a chur air dòigh anns a h-uile seòmar a bha dhìth. Cuideachd chan eil ach ceathrar chleasaiche anns na dràmathan seo. Ann an aon de na seallaidhean bha an dà phrìomh charactar ann an raon-cluiche na sgoile a' cluiche ball-coise. B' fheàrr leam gun robh mi air ball-coise a thoirt leam dhan stiùidio - ach cha tug! Mar sin 's e fuaim ball-coise a lorg a dh'obraicheas anns an t-sealladh a tha dhìth.

Maria

An terminal ceàrr

9 Ògmhios 2008 00:00, Maria

Tha mi a' sgrìobhadh seo aig port-adhair Schipol ann an Amsterdam. Saoilidh mi gur ann o chionn fhada a bha trioblaidean a' chead-siubhail againn an seo. Cha do chuir rudan mar a bhith air ar toirt chun an terminal ceàrr an seo sa mhadainn dragh oirnn (uill, 's dòcha gun do chuir beagan fhad 's a dh'fheuch sinn ris a' bhus a lorg gus faighinn chun an àite cheart).

Tha turas iongantach air a bhith againn agus fad as dèidh ar càirdean agus ar caraidean fàs sgìth de bhith cluinntinn mu na seallaidhean, fuaimean agus blasan a dh'fhiosraich sinn ann an Sìona, bidh Gerald, Alasdair agus mi fhìn ri ar lorg ann an taigh-bìdh Sìonach a' dol thairis air ar cuimhneachain bho ar turas chun an Ear.

Nise, chan eil againn ach ri ochd prògraman a dhèanamh de na rushes a dh'fhilm sin…

Gerald

Post-adhar Amsterdam

9 Ògmhios 2008 00:00, Gerald

Sin far a bheil mi an-dràsta. Tha còig uairean a thìde againn ri feitheamh mus sgèith sinn a Ghlaschu.

Bha an turas à Beijing gu math ciùin. Choimhead mi filmichean (a' chuid as motha gun fheum) agus chluich mi geamannan (a' chuid as motha mìorbhaileach).

Err, sin e airson an là an-diugh.

Tha bataraidhean mo chamara falamh agus tha an càball air a shon nam mhàileid san phort-adhair an àiteigin, mar sin tha eagal orm nach chan eil dealbhan agam.

Tha sinn dheth airson là no dhà a-nis agus mar sin cha chluinn sibh bhuainn airson greiseag.

Mar sin leibh an-dràsta.

dàng àn

(g. tasglann)

háng huà

(g. facail feumail)

rushes

Gach rud a chaidh fhilmeadh mar a thig e far an camara, le mearachdan ann fhathast agus stuth eile nach tèid dhan prògram.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.