8 Ògmhios 2008,Gerald
Chan eil mòran ri aithris an-diugh. Dh'èirich sinn tràth airson sgèith air ais a Bheijing far am bi sinn airson aon oidhche eile.
Ghabh sinn biadh còmhla ris a' chriutha agus ar neach-cuideachaidh bhon riaghaltas airson an uair mu dheireadh. Chaidh sinn chun an taigh-bìdh as motha agus as annasaich anns an robh mi a-riamh. 'S e buffet ana-mhòr a bh' ann le biadh bho air feadh an t-saoghail. Phàigh thu cìs agus dh'fhaodadh tu an uairsin na dh' iarradh tu ith agus òl. Tha an t-àite fìor mhòr. Smaoinich air àite mòr – bha e dà uiread sin.
Mu dheireadh bha an t-àm ann soraidh slàn a leigeil leis a h-uile duine. Bha sinn tùrsach oir bha sinn air eòlas a chur air a chèile. Tha JP, Dave agus Seòras air uairead ionnsachadh dhuinn mu Shìona. Bidh mi gan ionndrainn.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Daoine le diofar dhreuchdan m.e. luchd-camara, luchd-fuaim agus luchd-solais a tha a' tighinn còmhla ri sgioba riochdachaidh gus filmeadh a dhèanamh.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.