7mh Ògmhios 2008, Alasdair
Anns a' bhidio tha Alasdair ag innse mu cuid de na facail th' ann airson seallaidhean camara eadar-dhealaichte ann am filmeadh.

To play this video you require Flash. Find out more about the Adobe Flash player.
7 Ògmhios 2008,Maria
Dh'fhilm Gerald ann an taigh-teatha an-diugh còmhla ri nighean a bhios a' sgrìobhadh blog, agus a caraidean. 'S fìor thoil le na Sìonaich teatha. Thathar ga thoirt dhuinn gach turas a dh'itheas sinn agus tha sinn air fàs measail air na diofar seòrsan a tha ri fhaighinn. Tha teathan dubh, dearg, uaine agus teathan lusan ann. Cha bhi thu a' cur bainne ann uair sam bith, chan fhaca mise duine a' cur siùcar ann agus bha bhi thu a' cleachdadh poc-teatha. 'S àbhaist do dhuilleagan teatha a bhith air am bogadh ann.
Tha na soithichean anns a bheil e a' tighinn air a bhith diofraichte anns gach àite dhan deach sinn – cupanan mòra, cupanan beag bìodach, ann am bobhlaichean le cinn orra agus uaireannan ann an glainne – feumaidh tu sin fhàgail gus a bheil e fionnar gu leòr airson a thogail. Thèid do chupan a lìonadh a-rithist agus a-rithist gus an sguir thu ga òl. Tha iomadach taigh-teatha ann an Sìona, bidh daoine a' cruinneachadh annta, uaireannan bidh ceòl beò annta, bidh daoine a' cluich tàileisg no a' leughadh pàipear-naidheachd.
Tha fàileadh àlainn a' tighinn às a' mhàileid agam bho dh'fhàg sinn taigh-samhraidh ar Ìompaire Beag oir chaidh teatha dearg à Tibet a thoirt dhomh an sin. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e gann. Chaidh cantainn rium uisge a' chiad goil a shadail às oir dh'fhaodadh gum biodh truailleadh air fhàgail ann bho nuair a chaidh a dhèanamh. Tha blas àlainn bhuaithe agus chan eil mi a' smaoineachadh gum bi mi airson poca-teatha a chleachdadh tuilleadh nuair a thilleas mi a dh'Alba.
7 Ògmhios 2008,Gerald
Bha an là an-diugh glè mhath. Mar a thuirt mi, tha iomagain air a bhith orm mun fhilm mu dheireadh a tha seo oir 's e am fear as connspaidich a th' ann. Bha dragh orm gu h-àraidh nach bhiodh na daoine a thagh sinn airson bruidhinn air smachd an riaghaltais air an eadar-lìon. Ach, chuir an tè ris am bu mhotha a bhruidhinn sinn iongnadh oirnn. Bha beachdan deimhinnte aice mu chleachdadh an eadar-lìn ann an Sìona agus chitheadh i puingean bho gach taobh. Thug i orm smaoineachadh air a' chuspair ann an dòigh ùr.
Rinn sinn an agallamh anns am flat aice. Dh'fhilm sinn i fhèin agus caraid a tha a' fuireach còmhla rithe aig a' choimputair. Chaidh sinn an uairsin gu lòn mus do chlàr sinn na sealladhean mu dheireadh aig an taigh-teatha far an robh i a' dol a choinneachadh ri caraidean. Dh'fhilm sinn iad ag òl teatha agus a' còmhradh agus bha deasbadan math aca mun eadar-lìn agus mar a tha na meadhanan ag atharrachadh ann an Siòna. Fìor inntinneach.
An ath rud, sin sinn deiseil! As dèidh ceithir seachdainean ann an Sìona bha e neònach gu robh a h-uile càil ullamh (no in the can mar a chanas iad). Bha sinn air obrachadh cho cruaidh ann an àite a bha cho choimheach dhuinn agus dleastanas mòr oirnn. 'S e faochadh a bh' ann a h-uile rud a bhith againn dèante. Tha e air a bhith mìorbhaileach ach tha sinn cho sgìth ris a' chù!
Tha fadachd orm a-nis faighinn dhachaigh airson mo theaghlach fhaicinn. Tha mìos air falbh bhuapa air a bhith fada agus bha mi gan ionndrainn gu mòr.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Làrach-lìn far a bheil daoine no buidheann de dhaoine a' nochdadh beachdan, dealbhan, bhidiothan, fuaim agus ceanglaichean. Bithear gan ùrachadh tric. 'S e bloggers a chanar ri daoine a bhios a' sgrìobhadh air blog.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.