Alasdair

Sealladh air an uidheamachd againn

4mh Ògmhios 2008, Alasdair

Anns a' chiad bhidio a chlàr mi mhìnich mi dè an uidheamachd a tha sgioba Sealladh air Sìona a' cleachdadh bho là gu là airson na prògraman telebhisein a chur ri chèile. Chì sibh na bhidiothan agam aon uair 's gun tèid iad air-loidhne, (tha trioblaidean againn an-dràsta an cur air ais dhan oifis ann an Glaschu airson a chur air an làraich).

Tòisichidh mi leis a' chamara, pìos cudromach den uidheamachd a dh' aithnicheas a h-uile duine. 'S ann leis a' chamara a tha na dealbhan bhidio agus am fuaim ga chlàradh gu teip. 'S e camara sònraichte a tha seo a tha a' clàradh dealbh aig ìre àrd airson telebhisean. Cosgaidh gach camara timcheall air trì fichead mìle not, agus barrachd airson nam pìosan a tha a' dol ris. Cosgaidh lionsa deich mìle a bharrachd agus na casan, an 'tripod', dhà no thrì mìle eile. Tha na dealbhan gan sàbhaladh air teip didseatach air a bheil digi-beta. Thèid na dealbhan sin a thoirt air ais a Ghlaschu dhan t-seòmar gearraidh. Feumaidh sùil sònraichte agus sgilean air leth a bhith aig fear no tè camara airson na dealbhan as fheàrr fhaighinn agus tha farpais sa ghnìomhachas airson obraichean.

JP a' filmeadh
Dave a' cumail smachd air fuaim

Ceangailte ris a' chamara tha micreafòn agus tha am fuaim ga chumail rèidh le fear no tè fuaim. Tha sinn a' cleachdadh micreafòn sònraichte a tha comasach air fuaimean eadar-dhealaichte a chlàradh, tha còmhdadh molach air a tha a cumail fuaim na gaoithe a-mach. Bithear a' cleachdach micreafòn nas lugha radio-mic ma tha sinn a' clàradh agallamh nas mionadaiche - bidh am micreafòn ga cheangal ri lèine no aodaich an neach airson fuaim nas fheàrr fhaighinn. Tha e cudromach fuaimean leithid eòin a' seinn, glagan eaglais, dùdaich nan càraichean a chumail a-mach às a' chlàradh, mura h-eil adhbhar ann air an son leis gun toir e aire an luchd-amhairc air falbh bhon agallamh aig amannan.

[Tha Alasdair a-nis air tilleadh a Bhreatainn agus seo agaibh a' bhidio anns a bheil e ag innse mun chamara a thathar a' cleachdadh airson an fhilmeadh.]

To play this video you require Flash. Find out more about the Adobe Flash player.

Gerald

Là dheth!

4mh Ògmhios 2008,Gerald

Nach sinn a tha leisg! Trì laithean dheth ann an trì seachdainean gu leth! Ha ha.

'S ann airson obair a tha sinn an seo ach tha e cudromach gum faigh sinn tìde dheth an siud 's an seo gus fois a ghabhail, bruidhinn ri daoine aig an taigh agus 's dòcha fiùs beagan den dùthaich fhaicinn.

Bha là math againn an-diugh. Dh' èirich sinn tràth gus an teas bu mhiosa a sheachnadh agus chaidh sinn chun nam bùthan ann an sgìre Yuzhong còmhla ri Dave, an neach-fuaim againn. Chuidich esan mi le bhith a' lorg nan àiteachan gun robh mi ag iarraidh a dhol agus bha e ag eadar-theangachadh dhomh. Cha do cheannaich mi cus oir chan eil mòran rùim agam nam bhaga. Dìreach rud beag no dhà.

An uairsin choinnich sinn ri Maria agus Alasdair airson biadh. Thug Dave sinn gu taigh-bìdh a bha a charaidean air moladh dhuinn. Bha e uabhasach math, ach bha am biadh teth (faic an dealbh – cha mhòr gu bheil càil sa bhobhla ach chillies!) Tha muinntir Chongqing dèidheil air spìosraidh!

Chillies
Dave agus Gerald.

As dèidh botal no trì de bhùrn airson ar beòil a fhliuchadh, chaidh mi-fhìn agus Maria cuairt. Mus do sheall sinn rinn fhìn bha e seachd uairean agus bha an là an ìre mhath seachad.

O uill, bha e math fhad 's a sheas e.

dàng àn

(g. tasglann)

háng huà

(g. facail feumail)

Uidheamachd

Innealan air a bheil feum airson obair shònraichte a dhèanamh.

Digi-beta

An teip didseatach far a bheil na dealbhan air an sàbhaladh.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.