Alasdair

Dealbhan GV

2 Ògmhios 2008, Alasdair

Anns a' bhidio tha Alasdair a' mìneachadh dè th' ann an dealbh GV.

To play this video you require Flash. Find out more about the Adobe Flash player.

An-diugh bha sinn a' cumail sùil a-mach airson dealbhan GV (neo General Vision ann am Beurla) a chlàradh sinn agus a bhios feumail nuair a thèid gach prògram dhan t-seòmar gearraidh ann an Glaschu. Tha liosta aig Gerald agus Maria de dhealbhan a tha iad airson fhilmeadh, leithid obair togail, bùithtean, càraichean, sràidean, biadh, daoine a' reic biadh, daoine a' ceannach biadh, daoine ag ithe biadh... uill fàgaidh mi an siud e, tha an liosta fada. Ach tha na dealbhan seo air leth cudromach nuair a thig e chun na sgeulachdan agus na prògraman a ghearradh ri chèile.

Thèid na dealbhan a chleachdadh am measg agallamhan. Far am feum agallamh a ghearradh no a lùghdachadh, chleachdar na dealbhan airson gearraidhean fhalach. Thathar a' cleachdadh nan dealbhan seo airson dath agus cruth eile a chur ri agallamh. Cuiridh iad cuideachd fiosrachadh a bharrachd ri na pìosan sa phrògram far a bheil preseantair ag aithris eadar na h-agallamhan. Tha liosta GVs an dithis fada - ach 's e liosta chudromach a th' ann agus chan urrainn prògram telebhisein a dhèanamh às aonais.

Gerald

Aosta agus ùr

2 Ògmhios 2008, Gerald

Tha sinn air a bhith trang an t-seachdain seo oir bha againn ri itealain a ghabhail gu dà àite filmidh ùr, le feum smuain eile a thoirt air cuid de ar planaichean.

B'e là math a bh' ann an-diugh. Anns a' mhadainn choinnich sinn oileanaich aig sgoil ann am Bei Bei agus dùil againn dithis aca fhilmeadh Diardaoin. Chuir sinn seachad a' chòrr den là a' dràibheadh 's a' coiseachd timcheall Chongqing a' lorg na GVs a tha fhathast a dhìth oirnn. Bha e math oir, thuige seo tha sinn air a bhith a' siubhal taobh a-muigh Chongqing agus 's e glè bheag den bhaile fhèin a chunnaic sinn.

Oileanaich
Leanabh

Tha Chongqing iongantach. Chòrdadh e rium tilleadh an seo airson saor-làithean. Tha e gu math coltach ri "Bladerunner". Ach chan eil cyborgs a' fuireach ann.

'S e tha mi a' ciallachadh ach gur e deagh mheasgachadh de rudan sean agus rudan ùra a th' ann, gu math faisg air a chèile uaireannan. Mar sin, tha MacDonalds agus KFC dìreach mu choinneamh nam bothan bidhe traidiseanta agus chì thu fireannaich le basgaidean air an druim a' toirt innealan dvd gu bùthan eleagtronaigeach. Chunnaic mi cuideachd leanabh le mohawk.

Seadh, là nuair a bha obair na bu choltaiche ri cur-seachad.

Cathaidh

A' clàradh agus a' gearradh

2 Ògmhios 2008, Cathaidh

A' clàradh am prògram rèidio

As dèidh a' chomhairle a fhuair mi bho Mic, chuir mi seachad ùine Dihaoine a' coimhead air clàr-ama Dhisathairne, is mi a' clàradh dà dhràma eile - mu spòrs an turas seo. Choimhead mi a-rithist gus dèanamh cinnteach nach biodh cus aig Mic ri dhèanamh agus gus nach biodh aig na cleasaichean ri feitheamh ro fhada eadar gach sealladh. Rinn mi an clàr-ama ceithir tursan! Ach dh'obraich e math dha-rìribh. Cha robh daoine a' feitheamh ro fhada, agus cha robh cus aig Mic ri dhèanamh a' gluasad bho àite gu àite le maicreafònan agus a leithid. 'S e an ath cheum a-nis èisteachd ri na chlàir mi agus rud sam bith nach eil a' dol dhan dreach dheireannach dhen phrògram a ghearradh às. Tha mi an dùil a bhith trang air an seo fad na seachdain. Agus tha aon latha clàraidh eile agam, Disathairne.

Maria

Bheil mi dha-rìribh a' faighinn pàigheadh airson seo?

2 Ògmhios 2008, Maria

JP, Dave agus Gerald
JP, Dave agus Seòras

Chòrd an là an-diugh rium. Chaidh sinn a-mach sa mhadainn a lorg àiteachan a bhiodh math airson am filmeadh agus thog sinn GVs fad an fheasgair. A dh' aindeoinan teas, an truaillidh agus cho bruthainneach 's a bha e, bha a h-uile duine ann an deagh fhonn.

'S caomh leam làithean mar seo.

Chan eil ach dà là dheth air a bhith againn bho thàinig sinn an seo – ok, tha fios 'am, boo hoo, abair rud, ach nuair a tha thu ag obair cruaidh, tha e cudromach gun còrd e riut no thèid thu fhèin agus an sgioba a shàrachadh agus tha droch bhuaidh aig an sin air misneachd.

dàng àn

(g. tasglann)

háng huà

(g. facail feumail)

GV

General View - Dealbhan a tha a' toirt sealladh farsaing air àite no cuspair.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.