Alasdair

Slàinte agus sàbhailteachd

1mh Ògmhios 2008, Alasdair

Anns a' bhidio tha Alasdair a' mìneachadh cho cudromach is a tha e a bhith mothachail air slàinte agus sàbhailteachd tron fhilmeadh.

To play this video you require Flash. Find out more about the Adobe Flash player.

Gerald

Là na Cloinne

1mh Ògmhios 2008, Gerald

'S e là na cloinne a th' anns an là an-diugh ann an Sìona! Ach cha d' fhuair sinne cothrom a chomharrachadh. Bha againn ri èirigh tràth (sia uairean sa mhadainn - chan eil e cho buileach tràth, tha mi creidsinn) airson a dhol a choinneachadh ri Mgr. Liu airson an dàrna latha de dh' fhilmeadh. As dèidh gleadhraich agus onghail san fhactaraidh, bha sinn a' coimhead air adhart ri là sàmhach còmhla ris-san. Bha e dol a thadhal air a theaghlach a-muigh air an dùthaich, mu trì uairean a thìde a-mach à meadhan baile Chongqing.

Ghabh e am bus agus bha dùil againn gum faigheadh sinn fois airson fhilmeadh ga ghlacadh agus mar sin air adhart. Nach e sinn a bha ceàrr! Bha am bus a' cur thairis le na bh' air de dhaoine. Rinn còignear eile a' chùis air faighinn air bòrd ach chan eil fhios 'am ciamar. Nuair a dh' fheuch an duine againne air bòrd, dhùin na dorsan agus dh' fhalbh am bus.

Nochd an dàrna bus an ceann fichead mionaid ach mhothaich an dràibhear don chamara againn agus rinn e às aig peilear a bheatha, gar fàgail le sluagh ain-fhoiseil agus mì-chinnteach gum faigheadh sinn air adhart càil nas fheàrr leis an ath bhus.

Bha sinn na b' fhortanaiche an turas seo, ged-tà agus leum mi-fhìn, JP agus Mgr Liu air bòrd airson an turais don tuath (leis a h-uile duine eile gar leantainn sa bhus aca fhèin). Bha e teth, bha fàileadh dheth (uill bhiodh, leis na bha sin de dhaoine air bòrd...) agus thàinig oirnn seasamh a' mhòr-chuid den t-slighe.

Bha ar là air an dùthaich sgoinneil. Chunnaic sinn seallaidhean iongantach, choinnich sinn ri daoine àlainn agus dh'fhilm sinn dealbhan math de Mgr Liu agus a theaglach a' gabhail fois, ag ithe agus a' còmhradh ann am meadhan achaidhean paddy ghorma.

Math 's gu bheil na busaichean seo, thill mi-fhìn agus JP air bus an criutha.

Mgr Liu agus a theaghlach
Gerald, JP agus Dave
Maria

Cunnt gu deich

1mh Ògmhios 2008, Maria

Tha JP air ionnsachadh dhomh ciamar a chunntas mi bho 1 - 10 a' cleachdadh na h-aibidil Sìonaich air a sìmpleachadh. Cha do smaoinich mi a-riamh gum bithinn ga cleachdadh là no dhà as dèidh sin ann an achaidhean ruis agus arbhair ann am meadhan dùthaich Sichuan.

Fhad 's a bhathas a' filmeadh an teaghlaich a' gabhail biadh fhuair mise eòlas air a' chlann a bha fuireach an ath dhoras. Chluich sinn gèam air an robh "up high, down low, on the side, too slow". Bhithinn a' bualadh mo bhois rim boisean-sa uair is uair agus an uairsin a' toirt mo làmh air falbh nuair a dh' fheuchadh iadsan ris an aon rud a dhèanamh ormsa. Bha iad lag a' gaireachdainn. Bhon nach eil mòran Mandarin agamsa, thug mi mach pàipear agus peansailean agus rinn an trìuir againn dealbhan - sìtheanan, dealain-dhè agus a chèile - mus do chuimhnich mi gum b' aithne dhomh beagan Mandarin a sgrìobhadh. Sgrìobh mi na caractaran Sìonach agus sgrìobh iadsan na h-àireamhan rin taobh.

Bha e tlachdmhor coinneachadh ris an dithis chlann-nighean àlainn seo agus fhad 's a bha mi a' coiseachd air falbh bhuapa, bha ceist nam inntinn mu dheidhinn dè thachras dhaibh san àm ri teachd. Tha mi an dòchas gum bi e làn chothroman, charaidean agus mòran toileachais.

dàng àn

(g. tasglann)

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.