31mh Cèitean 2008, Alasdair
Chun an seo bha mi an dùil dealbhan bhidio a thoirt thugad 's mi a' leantainn an sgioba. Ged a tha mi a' clàradh le camara chan eil e air a bhith comasach dhomh na dealbhan sin a chur a-steach dhan choimpiutair againn air sgàth trioblaid teicnigeach - chan eil an dà inneal, an coimpiutair agus an camara, a' bruidhinn ri chèile ceart (uill sin a rèir eòlaichean teicnigeach ris an robh mi a' bruidhinn air ais ann an Glaschu).
Co-dhiù - fhuair mi càbal sònraichte bho bhùth choimpiutaireachd ann an Chongqing far a bheil sinn an-dràsta agus tha sin a' ciallachadh gu faigh mi air na dealbhan (mu dheireadh thall) a chur dhan choimpiutair tro inneal eile, 'external drive'. Feuchaidh mi a-nis ri na pìosan bhidio a th' agam a chur a-null gu Seònaid san oifis ann an Glaschu aig toiseach na seachdain-sa tighinn. Tha mi an dòchas gun obraich e an turas seo - innsidh mi dhuibh ciamar a thèid dhomh!
[Tha na bhidiothan againn a-nis agus an sgioba air tilleadh à Sìona. An seo tha Alasdair a' mìneachadh carson a tha treòraiche riatanach airson filmeadh thall-thairis.]

To play this video you require Flash. Find out more about the Adobe Flash player.
31mh Cèitean 2008, Gerald
Tha mi air a h-uile duine eile a shàrachadh leis an sgeulachd seo an-diugh agus tha e cho math dhomh innse dhuibhse cuideachd.
Thàinig sinn a Shìona gus cuideigin fhilmeadh a bh' air gluasad bhon dùthaich a-steach don bhaile mhòir airson obair a lorg. Dè an obair a th' aca? An dearbh obair a bh' agam fhìn bho chionn 12 bliadhna air ais, anns an robh mi a' sàs airson bliadhna! (Dìreach airson a bhith soilleir, tha an dreuchd seo fhathast ann am Breatainn. Chan eil mi feuchainn ri cur an aghaidh a bhith gluasad obraichean no càil. Tha na co-dhùnaidhean sin an urra ribhse nuair a chì sibh na prògraman againn).

To play this video you require Flash. Find out more about the Adobe Flash player.
Co-dhiù, bha e gu math neònach. Bha sinn air an uidheamachd a chur air dòigh gus Mgr Liu fhilmeadh san fhactaraidh agus bha na co-obraichean aige trang ag obair le meatailt, ga chumadh airson càraichean a thogail. Bha trioblaid agam mi-fhìn a chumail bho bhith gan cuideachadh! Dìreach airson dearbhadh gu bheil an comas fhathast agam.
Ach bha obair eile agamsa ri dhèanamh. Dh' fheumainn tòiseachadh a' filmeadh. Bha sin uabhasach soirbheachail. Cha chreideadh sibh feadhainn de na rudan a dh' fhilm sinn. Tha cùisean cho eadar-dhealaichte an seo. Canaidh mi aon rud agus cha chan mi an còrr – sia duine a' cadal san aon rùm.



31mh Cèitean 2008, Maria

Bidh clann Shìona a' faighinn no a' taghadh ainm Siarach a bharrachd air an ainm Sìonach gus am bi e comasach do dhaoine à dùthchannan eile a chuimhneachadh.
Fhad 's a bha an sgioba a' filmeadh ann an t-seòmar-caidil nam firinneach, ghabh mise an cothrom bruidhinn ri mo charaidean ùra bhon fhactaraidh, Queenie agus Lee.
Bha sinn a' gabhail fois sa ghàrradh gun fuaim ri chluinntinn ach cuthag pìos bhuainn nuair – mar a bhios a' tachairt tric ann an Sìona – a chaidh an t-samhchair a bhriseadh le fòn-làimhe. Ach an turas seo cha robh ann ach Queenie, a' cluich a' chòmhlain-ciùil as fheàrr leatha – S.H.E, còmhlan de chlann-nighean à Taiwan – gus an cluinninn-sa iad. Cha robh iad eu-coltach ri còmhlan pop à Breatainn – a' seinn mu dheidhinn gaol, guthan math gu leòr aca, ceòl a bha meadhanach math – ach bha iad rud beag ro "mhilis" dhòmhsa. Chluich mi an ringtone agamsa dhaibhsan – On Call le Kings of Leon. Dh' èist iad gu modhail ris agus thuirt iad gun chòrd e riutha, ach cha chanainn gun tèid Kings of Leon gu àireamh a h-aon ann an Chongqing.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Neach a bhios a' cur chùisean an òrdugh san dùthaich filmidh. Bho bhith a' lorg daoine a ghabhas pàirt ann an agallamhan agus a' lorg àitichean-filmidh gu bhith a' cur àitichean-fuirich air dòigh.
Innealan air a bheil feum airson obair shònraichte a dhèanamh.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.