Alasdair

Dè dìreach a tha sinn a' dèanamh?

30mh Cèitean 2008, Alasdair

Anns a' bhidio tha Alasdair ag innse mu bhith ag ullachadh airson filmeadh.

Feumaidh tu Flash airson a' bhidio a chluich. Tuilleadh mu chluicheadair Adobe Flash.

An-diugh, shaoil mi gum biodh e iomchaidh beagan mìneachadh a thoirt dhuibh air na daoine, na dreuchdan agus na sgilean a tha a' dèanamh an-àirde an sgioba telebhisein againn an seo ann an Sìona. Bheir mi sùil an-diugh air obair an stiùiriche.

Tha Gerald agus Maria a' gabhail uallach airson ceithir sgeulachdan an duine a stiùireadh. Tha iad os cionn na h-obrach a tha a' dol air adhart a-muigh aig an làraich far a bheil iad a' filmeadh, an location. Mus tèid iad a-mach tha iad a' cur liosta air dòigh de na dealbhan a dh' fheumas iad fhilmeadh airson an sgeulachd innse. Gus am bi fios le cinnt dè a tha iad ag iarraidh air an luchd-camara.

Bheir iad stiùireadh dhan sgioba camara air an stoidhle anns a bheil iad ag iarraidh na dealbhan a chlàradh agus mar a tha iad ag iarraidh agallamhan a dhèanamh. Ach ro thric chan eil a h-uile rud a' tionndadh a-mach mar a bha dùil agus ma dh' atharraicheas an sgeulachd feumaidh na planaichean aca atharrachadh cuideachd. Feumaidh stiùiriche a bhith deònach rudan atharrachadh aig a' mhionaid mu dheireadh.

Alasdair

A' còmhradh ri daoine a ghabhas pàirt anns na h-agallamhan

30mh Cèitean 2008, Alasdair

Anns a' bhidio tha Alasdair ag innse mu na trioblaidean a bh' ann an-diugh a' lorg duine freagarrach airson pàirt a ghabhail ann an agallamh a tha Gerald an dùil a chlàradh.

Feumaidh tu Flash airson a' bhidio a chluich. Tuilleadh mu chluicheadair Adobe Flash.

Gerald

Abair là

30mh Cèitean 2008, Gerald

Abair là. Bruidhinn air duilich. Tha mi cinnteach gum bi mi a' faireachdainn nas fheàrr a-màireach, ach tha sin duilich a chreidsinn an-dràsta.

Cha mhòr gu robh duine ris na choinnich sinn an-diugh freagarrach airson nan sgeulachdan a bha dùil againn fhilmeadh leotha an ath sheachdain. Dh' fhàg seo sinn ann an cabhaig ag ath-sgrìobhadh sgriobtaichean agus ag atharrachadh nan àite a bha sinn dol a chleachdadh gus freagairt air na caractaran ùra seo. Tha sinn cuideachd ag iarraidh air ar luchd-cuideachaidh an seo daoine ùra a lorg a tha freagarrach. Fhuair sinn iomadach leisgeul carson a thachair seo, ach leis an fhìrinn innse chan eil fhios 'am dè chreideas mi.

An e nach robh daoine a' còmhradh ri chèile mu dheidhinn? An e dìth ullachaidh bho thaobh nan daoine an seo a bu choireach? An robh cus dhaoine an sàs anns a' chùis? An e an riaghaltas bu choireach? Chan eil fhios 'am. Ach aon rud tha cinnteach, tha là sàraichte air a bhith againn le obair a bharrachd na bha dùil againn.

Is dòcha nach robh sinn soilleir gu leòr mu dheidhinn na bha sinn ag iarraidh, no is dòcha nach do thuig sinn cho connspaideach 's a bha cuid de chuspairean an seo. Chanainn-sa gu bheil sinn air a bhith soilleir mu dheidhinn nan rudan sin agus gu robh ùine gu leòr ann daoine a lorg agus taghadh eile a bhith ann nam biodh feum air. Ach chanainn sin, co-dhiù, nach canadh?

Tha eagal orm nach bi fios againn gu bràth.

Maria

Craobhan daora

30mh Cèitean 2008, Maria

Bha mi air obrachadh a-mach nach robh an sgeulachd mu dheidhinn tuathanasan gu bhith buileach cho dùthchail 's a dh' iarrainn nuair a nochd neach-taic Manaidsear margaidheachd Chonqing ann an dreasa gheal agus brògan le sàilean àrda. Bha i am measg sgioba de dheichnear bhon riaghaltas a bha a' siubhal còmhla rinn agus gar cuideachadh le recces an là an-diugh.

Thug iad sinn a bhruidhinn ri tuathanach nach bi a' fàs rus no cruithneachd, no fiù 's ùbhlan mar a bha dùil againn anns a' chiad dhol a-mach. Bidh e a' fàs craobhan agus lusan a th' air an cleachdadh ann an taighean-òsta agus bùthan daora ann an Chongqing.

Cha robh seo agam ann am plana A, plana B, plana C no fiù 's plana D. Ach, nuair a dh' fhàs sinn cleachdte ris an t-suidheachadh, shaoil sin gur e sgeulachd inntinneach a bhiodh ann. Tha esan agus cuid de thuathanaich eile a' cur an cùlaibh ri tuathanas thraidiseanta agus a' cosnadh deich uiread le bhith a' fàs bàrr eile. 'S e sgeulachd chudromach a tha seo.

Cathaidh

A' claradh an neach-aithris

30mh Cèitean 2008, Cathaidh

An-diugh, chlàr mi an neach-aithris airson an na prògraman rèidio Èisteachd agus Labhairt. 'S dòcha gu bheil e doirbh a chreidsinn nach eil a h-uile pàirt de phrògram air a chlàradh còmhla ach aon de na chiad rudan a dh'ionnsaich mi anns an obair seo, 's e an neach-aithris a chlàradh aig deireadh gnothaich. Bheil fhios agad carson a bhiodh seo? Uill, gun fhios nach bi am prògram fada gu leòr. Tha e tòrr nas fhasa an cothrom a thoirt dhaibh beagan a bharrachad a ràdh na pìos dràma a bharrachd a chlàradh!

dàng àn

(g. tasglann)

háng huà

(g. facail feumail)

Location

Àite filmidh taobh a-muigh stiùidio.

Recce

A' rannsachadh àite airson fiosrachadh fhaighinn mu dheidhinn agus mu na daoine a th' ann mus till thu thuige – an turas seo airson film a chlàradh.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.