Cathaidh

A' clàradh airson rèidio

29mh Cèitean 2008, Cathaidh

An-diugh bha mi anns an stiùidio mhòr a-rithist a' clàradh dà dhràma airson an t-sreath rèidio Èisteachd agus Labhairt. Tha iad mu seanmhair a tha a' tilleadh na manadh agus tha a' cur beatha a h-ogha, Alex, bun os cionn! Seach gun robh mi air a bhith clàradh t-seachdain roimhe bha mi na b' eòlaiche air an ùine a bheireadh e an stiùidio fhaighinn air dòigh a thaobh teicneòlais mus tòisichinn a' claradh gach seallaidh.

'S e Mic an t-innleadair fuaim a bha a' toirt taic dhomh anns an stiùdio fad na seachdain. Fhuair mi comhairle feumail bhuaithe airson an ath thurais cuideachd. Ged a tha fuaimean sònraichte ri chur ri na dràmathan, airson a thoirt a chreidsinn air an luchd-èisteachd gu bheil na suidheachaidhean dha-rìribh a' tachairt, mhol Mic dhomh gum biodh e air a bhith air leth feumail nam biodh sinn air coinneachadh ro làimh agus dh'fhaodadh e a bhith air na fuaimean sònraichte a chur ri na dràmathan fhad 's a bha sinn gan clàradh an àite a bhith gan cur ann as dèidh làimh - agus shàbhaladh seo ùine cuideachd. Tha e cho fìor, mar as fheàrr a nì thu ullachadh, is ann as fhasa. Seo rud a tha mise air ionnsachadh son an ath thurais a bhios mi a' clàradh dràmathan son rèidio.

Gerald

Latha dheth

29mh Cèitean 2008, Gerald

Soidhne ag ràdh Don't disturb

dàng àn

(g. tasglann)

háng huà

(g. facail feumail)

Innleadair fuaim

Neach a tha os cionn clàradh agus ìrean fuaim ann an clàradh stiùidio.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.