Alasdair

A' dèanamh Kung Fu

28mh Cèitean 2008, Alasdair

Anns a' bhidhio tha sgoilearan aig sgoil an kung fu a' feuchainn cuid de na tha iad air ionnsachadh.

Feumaidh tu Flash airson a' bhidio seo a' chluich. Faigh tuilleadh mu chluicheadair Adobe Flash .

Maria

Tha na solais dheth ach tha cuideigin aig baile...

28mh Cèitean 2008, Maria

4.30 sa mhadainn. Tha Gerald tinn fhathast – tha mi an ìre mhath cinnteach nach eil gnothaich aig a' mhocheirigh ris, ach is dòcha gu bheil mi ceàrr (tha mi duilich Gerald!)

Tha sinn air ais aig sgoil an kung fu mus èirich a' ghrian. Shuidhich JP camara airson dealbhan timelapse fhilmeadh de sheòmar-cadail a' chlann-nighinn. Bha sinn airson an aon shealladh locked off àlainn a thogail eadar àm èirigh na grèine agus nuair a tha na solais a' dol air mus tòisich an sgoil aig còig uairean sa mhadainn.

Bha sinn a' feitheamh. Agus a' feitheamh. Agus a' feitheamh. Tha solais eile a' dol air mun cuairt oirnn ach cha deach gin air ann an rùm a' chlann-nighinn. Tha e fàs soilleir a-muigh. Tha ceòl àrd a' tighinn a-mach à conacagan. Thòisich daoine ann an aodach-spòrs a' nochdadh mun cuairt oirnn, clann-nighean a' khung fu nam measg. Dh' fhaighnaich sinn dhaibh carson nach do chuir iad na solais air - thuirt iad “bidh sinn a' cur oirnn ar cuid-aodaich san dorchadas”. Bha mi a' toirt a chreidsinn orm fhìn gum biodh e coimhead a cheart cho math. 'S fheàrr dha, 's e a' chiad sealladh anns a' phrògram agam…

Laura

Mar sin leibh

28mh Cèitean 2008, Laura

Mar a bhios uaireannan a' tachairt ann an àiteachan-obrach, tha mise gu bhith gluasad gu pròiseact eile a dh'aithghearr 's bidh Seònaid Niciomhair a' leantainn oirre le obair Sìona. Thairis air a' chola-deug a chaidh seachad tha Seònaid air a bhith ga mo chuideachadh leis a' phròiseact agus a' faighinn eòlas air an obair anns a bheil mi air a bhith an sàs. Gach latha, tha sinn air a bhith a' faighinn dhà no thrì phìosan sgrìobhte à Sìona, agus uimhir de dhealbhan 's gu bheil e duilich taghadh a dhèanamh air dè an fhadhainn a chleachdas sinn. Tha na seallaidhean uile cho dathach - nach eil e iongantach cho eadar-dhealaichte 's a tha Sìona agus Alba?

Seach gu bheil na pìosan sgrìobhte bho Gerald agus Maria a' tilleadh ann am Beurla, tha tè air a bheil Catrìona air a bhith gan eadar-theangachadh dhuinn. Bidh sinn an uairsin gan cur air an làraich agus a' feuchainn ri na dealbhan as freagarraiche a chur còmhla riutha. Tha sinn airson dealbh cho math 's as urrainn dhuinn a thoirt dhuibhse air an dùthaich iongantach seo.

Tha e cudromach dhòmhsa gum bi Seònaid cofurtail leis a h-uile càil mus tèid mise a dh'obair air rudeigin eile - 's e "handover" a bhios againn air an seo, 's chan eil e cuideachail a dhèanamh ann an cus cabhaig. Tha e a' toirt beagan ùine mus bi tuigse cheart aig neach-obrach ùr air pròiseact, 's tha mòran smaoineachaidh is còmhraidh a dhìth. Feumaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil an stuth a tha sinn a' cruthachadh feumail agus inntinneach dhuibhse!

Agus ged nach bi mi fhèin a' cur stuthan air an làraich bho seo a-mach, gu dearbha bidh mi fhathast a' cumail sùil gheur air dè tha dol air an làrach. Tìoraidh an-dràsta.

Alasdair

Bi faiceallach!

28mh Cèitean 2008, Alasdair

Gach oidhche bidh sinn a' fàgail an taigh-òsta agus a' dol a-mach a shireadh àite-bìdh. Rud àbhaisteach agus sìmplidh chanadh tu - ach tha cnapan-starra mu ar coinneamh. Chan e a-mhàin nach eil mòran Mandarin againn ach tha na rathaidean cunnartach. Ged a tha solas uaine ann a' cur fàilte ort coiseachd tarsainn - chan eil a h-uile carbad a' stad agus tha luchd-baidhsagail fhathast a' dol seachad ort aig peilear am beatha! Ro thric feumaidh sinn feitheamh airson greis air neo daoine Sìonach a' leantainn tarsainn gu sàbhailteachd.

Maria

Little Britain ann an Sìona

28mh Cèitean 2008, Maria

Tha Dave, an duine tha os cionn fuaim, gu math èibhinn. Bidh e tric a' toirt gàire oirnn, ach an-diugh aig a' phort-adhair bha sinn a' lachanaich aige. Bha sinn a' cabadaich mu dheidhinn nam prògraman telebhisein as fheàrr leinn agus thòisich esan a-mach air Little Britain - "computer says no" agus mar sin air adhart. Bha e air fhaicinn air DVD agus chòrd e ris glan. Tha e fìor – is caomh leotha Little Britain ann an Sìona.

dàng àn

(g. tasglann)

háng huà

(g. facail feumail)

Timelapse

Dòigh filmidh far a bheil rudeigin a tha a' tachairt gu slaodach – mar èirigh na grèine – air a thogail gach diog/mionaid/uair a-mhàin. Nuair a thèid am film a chluich, às aonais nam beàrnan, tha coltas air gu bheil e a' cluich aig astar.

Locked off shot

Sealladh far nach eil suidheachadh a' chamara no na tha dha fhilmeadh ag atharrachadh tron an t-sealladh gu lèir. 'S dòcha gun gluais rudan san dealbh ach chan eil an camara gan leantainn. Canar static camera shot ris an seo cuideachd.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.