26mh Cèitean 2008, Alasdair
Tha mòran ri dhèanamh ann an telebhisean agus aig amannan chan eil e cho furasta 's a tha e a' coimhead! Ach an-diugh dh' obraich cùisean a-mach dhan sgioba. Bha sinn aig sgoil air iomall Dengfeng a tha a' teagaisg Kung Fu còmhla ri leasanan àbhaisteach. Cha robh dad àbhaisteach mun sgoil leis gun robh còrr is fichead mìle sgoilear innte. Ged a bha na h-uimhir ann cha robh càil mì-rianail mu deidhinn agus na sgoilearan a' cur fàilte oirnn agus gan giùlain fhèin ann an dòigh air leth math.
Aig amannan tron latha bha aca ri seasamh ann an ceàrnaig air taobh a-muigh na sgoile, rudeigin coltach ri saighdearan a' seasamh air parade. Dealbhan iongantach agus choinnich sinn ri daoine gasta sean is òg. Nuair a gheibh thu làithean mar seo - tha do chuid obrach tòrr nas fhasa.






26mh Cèitean 2008, Gerald
As dèidh cofhurtachd Bheijing le a taighean-òsta mòra, taighean-bìdh ùra agus gleans Olimpigeach, tha Dengfend (an àite filmidh airson sgoil Kung Fu Shaolin) na dhùbhlan.
'S e pàirt nas bochda de Shìona a tha seo. Cha mhòr gu bheil Beurla air a bhruidhinn idir, mar sin feumaidh sinn a' chùis a dhèanamh leis a' bheagan Mandarin a th' againn. 'S e fear de na rudan ris nach eil mi a' fàs cleachdte - a bharrachd air na smugailtean - [faic na sgrìobh Maria gu h-ìosal] gu bheil mòran dhaoine a' coimhead oirnn oir chan eil iad air daoine bhon iar fhaicinn cho tric ri sin. Leis an fhìrinn innse tha mi a' faireachdainn rudeigin coimheach an seo agus tha criutha slàn còmhla rium! Tha e uabhasach, uill, Sìonach.
Tha mi cinneatach g' eil mi a' tighinn tarsainn mar Shiarach a th' air a mhilleadh ag ràdh seo. Tha bhith ann an àite gu tur eadar-dhealaichte mar seo a' cur nam chuimhne cho fortanach agus a tha mi. Ach bhithinn ag innse nam breug nan canainn gu bheil e furasta an seo.
Gus crìochnachadh air puing nas dòchasaich, tha mi air mothachadh gu bheil faireachdainn làidir de chàirdeas ann an Denfeng. Gu tur eadar-dhealaichte bho Bheijing. Nuair a thuiteas an oidhche bidh daoine, sean agus òga a' cruinneachadh air an t-sràid a chòmhradh, a dh'ithe agus a ghàireachdainn.
Tha mi toilichte gu bheil mi air Dengfend fhaicinn.
26mh Cèitean 2008, Maria
Tha fuaim àraid ùr na mhac-talla tro shràidean Denfeng. Chuala mi turas no dhà e ann am Beijing, ach fad às. Chunnaic (agus chuala) mi e ga dhèanamh le fireannaich a-mhàin ach chaidh innse dhomh gum bi boireannaich ga dhèanamh cuideachd. Fuaim na th' ann an sròinean, sgòrnain agus math dh'fhaodhte stamaig dhaoine gan smugadanaich gu talamh le neart!
Anns an taigh-òsta, tha smugailt ga thilgeil a bhucaid no gu dearbh soitheach sam bith air a bheil coltas freagarrach. Gaoireiseachaidh mi a' smaoineachadh air sluagh le cnatain sa gheamhradh. Tha e annasach gu bheil dùthaich a tha cho mionaideach mu mhodh a' gabhail ri bhith tilgeil smugailt ann an àiteachan poblach. Ach tha agus feumaidh mise sgur de bhith a' tionndadh mo shròin suas ris.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.