Alasdair

Bogsaichean beaga, bogsaichean mòr!

25mh Cèitean 2008 00:00, Alasdair

Dh' fhàg an sinn Beijing an-diugh a' dèanamh air baile Dengfeng ann an sgìre Henan mu naoi ceud mìle gu deas. Tha sianar anns an sgioba agus ceithir-deug de bhagaichean agus bhogsaichean. Mar a thuigeadh tu - tha sin rudeigin duilich gach nì a chumail ann an òrdugh agus fios a bhith againn uile co leis a tha dè. Cha tug an t-itealan ach uair a thìde gu leth - mar sin cha robh fada ri dhol. Leis a' chuideam a bh' anns an stuth againn, b' fheudar dhuinn airgead a bharrachd a phàigheadh dhan chompanaidh adhair. Tha sgiobaidhean telebhisein tric a' giùlain tòrr stuth agus mar sin feumar airgead a bharrachd a phàigheadh. Ràinig a h-uile duine (agus na bogsaichean beaga agus mòr) slàn sàbhailte gu h-iongantach.

A-màireach tha sinn gu bhith a' clàradh aig sgoil shònraichte a tha a' teagaisg Kung Fu - feumaidh sinn a bhith faiceallach mus cuir sinn fearg air duine sam bith!

Gerald

Mar clach udalain

25mh Cèitean 2008, Gerald

Dh'fhàg sinn Beijing as dèidh, deich latha?

Bus a' chriutha

Air mo chois tràth a' pacadh. 'S LUGHA orm pacadh. B' fheudar a dhèanamh gu-tà. Choinnich sinn ris a' chriutha aig 11.00m as dèidh soidneadh a-mach às an taigh-òsta. Sin sinn a' dèanamh air port-adhair Bheijing nar bus làn bhagannan. Bha ultach de dh'uidheamachd againn. Bha againn ris a h-uile càil air am biodh feum airson an còrr den turas a thoirt leinn: uidheamachd-fuaim, teipichean, solais, sgrionaichean, a h-uile càil. Rinn sinn cruach inntinneach dheth aig deasga a' phuirt-adhair.

Chaidh sinn tro sgrùdadh nan cead-siubhail gun thrioblaid (ged a chaidh botal de nigheadair-làimhe antibacterial a thoirt bho Maria oir bha am botal ro mhòr). Thug an turas-adhair gu sgìre Henan mu uair a thìde gu leth. 'S e plèana beag a bh' ann nach robh ro chofhurtail.

B' e an diofar anns an teas a' chiad rud a bhuail mi nuair a ràinig sinn. Tha e tòrr nas teotha na Beijing agus tha barrachd taiseachd san adhar. Tha fallas a' sruthadh bhuat!

Dà uair a thìde a' dràibheadh chun an taigh-òsta agus bha an t-àm ann ar stuth a thoirt a-mach a-rithist. Hurrah.

Maria

Dèan deiseil, ith…

25mh Cèitean 2008, Maria

Bha ar ciad coinneamh ghnìomhachais oifigeil againn a-nochd. Chaidh Ceannard agus Oifigear Dàimh Poblach na Sgoile aig an Acadamaidh Kung Fu iarraidh gu dìnnear aig ar taigh-òsta. Thòisich sinn le ar cairtean gnìomhachais a thoirt dhaibh. Chleachd sinn ar dà làimh airson an toirt seachad oir ann an Sìona tha e mì-mhodhail rud a ghabhail no a thoirt seachad a' cleachdhadh aon làimh.

Bha againn an uairsin ris a' phròiseict agus na bha sinn an dùil fhilmeadh an ath latha a mhìneachadh. Shaoil leinn gun tug seo ùine mhòr, mhòr, mhòr, mhòr. Thàinig am biadh mean air mhean ach cha b'urrainn dhuinn càil ithe gus an deach crìoch a chur air gnothaichean foirmeil. Chan urrainn dhut càil a dhèanamh ach tòrr teatha òl (agus do chasan a phasgadh). Thàinig an còmhradh gu crìoch mu dheireadh thall agus shaoileadh tu gu robh daga-tòiseachaidh air a dhol dheth oir thòisich sinn, na chopsticks a' falbh mar an dealanaich.

dàng àn

(g. tasglann)

háng huà

(g. facail feumail)

Sgrionaichean

Anns an t-suidheachdadh seo, sgrion air am faic an stiùiriche na tha an neach-camara a' filmeadh fhad is a tha am filmeadh a' dol air adhart.

Oifigear Dàimh Poblach

Neach a bhios a' brosnachadh dàimh chàirdeil eadar buidheann agus am pobal.

Coinneamh ghnìomhachais

Coinneamh fhoirmeil mu chuspairean obrach.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.