24mh Cèitean 2008, Alasdair
Anns a' bhidio tha Alasdair ag innse ciamar a thathas a' taghadh àite filmidh.

To play this video you require Flash. Find out more about the Adobe Flash player.
24mh Cèitean 2008, Maria
As dèidh duilgheadasan an latha an-dè, chòrd an latha an-diugh rinn glan. Dhràibh sinn uair a thìde a-mach às a' bhaile mhòir, thruaillte agus chunnaic sinn gorm an adhair airson a' chiad uair bho chionn seachdain.
Bha sinn a' cèilidh air teaghlach aon-leanaibh aig an taigh anns am bi iad a' fuireach air an deireadh sheachdain. Abair taigh - bha rùm ann cho mòr ri sabhal, dìreach airson geamannan, leithid teanas-bùird, tàileasg agus goilf-taighe. Bha bucas-fòn dearg ann cuideachd.
Bha an teaghlach cho snog agus cho bàidheil 's gun do chòrd an latha rinn uile, ged a bha e bruthainneach - mu 38 puing. Dh' fhilm sinn an teaghlach a-muigh le monadh àlainn air an cùlaibh. Chluich iad gèam nach robh eu-coltach ri Connect Four, ach dìreach gu robh agad ri còig a chur còmhla.
Abair gun do rinn an latha sin eadar-dhealachadh dhuinn.


24mh Cèitean 2008, Alasdair
Bho ràinig an sgioba Sìona tha ar cuid obrach air a bhith tòrr nas fhasa leis gu bheil a h-uile duine cho càirdeil 's cho cuideachail. Tha gach neach ris a bheil sinn a' coinneachadh deònach bruidhinn agus a' cur taic rinn.
Bha sinn an-diugh ann am baile beagan is uair a thìde a-mach à Beijing a' tadhal air taigh samhraidh teaghlaich ris an do choinnich sinn an-dè. As dèidh dhuinn agallamh fhilmeadh cha leigeadh iad leinn fàgail às àonais diathad a ghabhail, chan e diathad àbhaisteach, ach biadh sònraichte nach bi iad ach a' còcaireachd uair no dhà sa bhliadhna air cuirmean sònraichte. Bha e àlainn. Dìnnear a bh' ann a bhuineas dhan sgìre le parsailean beaga air am bruich ann an uisge goileach, cuid le feòil cuid às àonais feòla. Bha sin na fhaochadh dha Gerald agus Maria leis nach bi iad ag ithe feòil idir.
24mh Cèitean 2008, Gerald
1. A bhith a' cluich ball-basgaid còmhla ri Maria aig taigh-samhraidh Xiao Di. (Thàinig orm am ball a thilleadh a-mach às an lòn iasg aige). Is dòcha gun inns i dhuibh gun do bhuannaich ise, ach cha robh mi a' dèanamh mòran oidhirp.
2. Bha deagh chraic agam le Dave ann an cùl a' bhus. Dh' ionnsaich e facail agus abairtean Sìonach dhuinn agus dh' ionnsaich sinne feadhann Bheurla agus Frangach dhàsan. [Tha a' bhidio seo ann am Beurla.]

To play this video you require Flash. Find out more about the Adobe Flash player.
3. Thog mi dealbhan èibhinn còmhla ri Xiao Di.



BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.