Maria

Anns a' phàirc

22mh Cèitean 2008, Maria

Tràth madainn an-diugh bha sinn a' filmeadh anns a' phàirc.

To play this video you require Flash. Find out more about the Adobe Flash player.

Bha sinn a' filmeadh buidheann de dhaoine a' dèanamh Tai Chi, seòrsa de sgil gaisgeanta. 'S e spòrs grinn a th' ann anns am bithear a' gluasad làmhan agus casan gu slaodach, cùramach. An toiseach bha a' phàirc cho sàmhach agus gu robh mi a' stiùireadh JP agus Dave fo m' anail, chluinneadh tu cèilearadh eòin agus uisge san loch.

Tai Chi
Tuilleadh Tai Chi

Mean air mhean, thòisich an t-àite a' lìonadh le ceudan de sheann daoine. Bha e coltach ri ionad-spòrs do chailleachan agus bodaich. Chunnaic sinn cailleachan a' dèanamh aerobics ri ceòl bho na h-ochdadan, cupail a' danns gun cheòl, feadhainn eile le claidheamhan, gaothairean no pom poms, feadhainn a' bualadh am boisean agus ag èigheach a dh' aon ghuth; bha daoine a' cluich badminton às aonais lìon, ag iasgach, a' leumadaich no dìreach a' peantadh litrichean Sìonach air an làr le brusaichean agus uisge. Feumaidh e bhith gu robh a' mhòr-chuid fo aois 60 ag obair no san sgoil.

Gerald

Tai Chi anns a' phàirc

22mh Cèitean 2008, Gerald

Chunnaic Gerald daoine a' dèanamh Tai Chi anns a' phàirc tràth anns a' mhadainn.

To play this video you require Flash. Find out more about the Adobe Flash player.

Gerald

Eadar-dhealaichte

22mh Cèitean 2008, Gerald

An-diugh, as dèidh dhuinn mocheirigh a dhèanamh (agus beagan Tai Chi), chaidh mi-fhìn agus Maria do mhòr-bhùth a dh' fhaighinn botail bùirn (feumaidh tu bhith faiceallach le do stamag nuair a tha thu a' siubhal) agus bataraidhean don chamara agus eile.

Maria a' ceannach

Bha e rudeigin neònach. Uill, chan ann neònach, buileach. Dìreach eadar-dhealaichte.

An toiseach cheannaich sinn pàipear-sgrìobhaidh. Bha sinn dol ga thoirt leinn, ach cha leigeadh an neach-bùtha leinn sin a dhèanamh. B' fheudar dhuinn fhàgail aige ach thug e dhuinn pìos pàipeir air on robh a' phrìs sgrìobhte. An uairsin, dh' fhalbh sin a cheannach bhataraidhean. Thòisich a' ghàireachdainn oir cha b' urrainn dhuinn am facal Sìonach air an son (air fhuaimneachadh mar dyen-chur) a ràdh. Thachair an aon rud an seo, bha againn ri na pìosan pàipeir air an robh na prìsean sgrìobhte a thoirt gu àite ann am meadhan na bùtha airson a h-uile càil a phàigheadh còmhla.

Chaidh sinn an uairsin timcheall na bùtha a' cruinneachadh an stuth againn bho na daoine ris an do choinnich sinn.

Mar a thuirt mi – eadar-dhealaichte.

Gerald

Cuideigin ùr

22mh Cèitean 2008, Gerald

Chaidh sinn an coinneamh Alasdair anns a' mhadainn, còmhla ri Seòras agus ar dràibhear. Ràinig e tràth agus mar sin thàinig air feitheamh greiseag gu mì-fhortanach. Bha e sgìth oir cha do chaidil e idir air a' phlèan. Tha e a' dol a chadal an-dràsta airson uair no dhà agus coinnichidh sinn aig a trì airson sgeul ar turais gu ruige seo innse dha.

No 's dòcha gum bu chòir dhomh toirt air an leabhar-latha seo a leughadh?

dàng àn

(g. tasglann)

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.