21mh Cèitean 2008, Maria

An-diugh, bha sinn a' fiolmadh air sràid thaighean ann am meadhan baile Bheijing far nach eil e ceadaichte coin mhòra a chumail – thèid cur às dha ma thèid do ghlacadh le fear (chaidh a ràdh rium nach ann dìreach an aghaidh na huskies a tha an riaghailt seo – faic an dealbh). Bha na sràidean làn de shoighnichean ag innis mu dheidhinn seo agus riaghailtean eile. Mar eisimpleir, thèid càin 50 yuan (mu £4) a chur ort ma shalaicheas do chù àite poblach.
Tha Beijing air a roinn le cuairt-rathaidean nach eil cruinn idir ach ceàrnagach... Tha JP a' fuireach taobh a-muigh Cuairt-rathad a Còig far am faod thu cù de mheud sam bith a chumail. Tha dhà aige: Golden Retriever air a bheil Mellow agus Beagle air a bheil Harry ('S ann à Sasainn a thàinig Beagles thuirt JP agus 's ann à sin a tha am Prionnsa Harry).
21mh Cèitean 2008, Gerald
Chan eil mi cinnteach an tuirt mi, ach tha mi-fhìn agus Maria a' dèanamh obair an stiùiriche eadarainn fhad 's a tha sinn an seo. Tha sinn gu bhith a' stiùireadh dà phrògraim an duine. Thuige seo 's e GVs a tha mi-fhìn agus an sgioba air a bhith a' filmeadh ach rinn Maria film slàn (am fear mu leighisean Sìonach anns a bheil an dotair). Tha i a-nis ag ullachadh airson an ath fhear a dhèanamh. Mar sin 's e an cothrom agamsa a bh' ann an-diugh agus 's mi bha iomagaineach.
Chan eil mi ùr san dreuchd ach chan eil sin gu diofar – tha mi an-còmhnaidh iomagaineach mus tòisich sinn a' filmeadh. Gu fortanach, bha mi cho sgìth agus nach do chùm sin nam dhùisg mi a-raoir. Ged a bha uallach orm sa mhadainn, cha chreid mi gun aithneachadh duine sin orm (is dòcha gu bheil beachd eile aig Maria, ged-tà!). Bidh mi dìreach a' fàs sàmhach nuair a bhios cus air m' inntinn.
Co-dhiù, cha robh cus tìde agam airson smaoineachadh mu dheidhinn oir, nuair a ràinig sinn an àite, bha na daoine a bha dùil againn fhilmeadh air an cuid obair-là a thòiseachadh. Mar sin mach leinn agus "Action!". (No "KaiPai" mar a chanas iad an seo).
Goirid as dèidh dhuinn tòiseachadh, dh' fhàs mi na bu chofhurtail. Mar a bha sinn a' dol air adhart, bha Dave agus JP a' tuigsinn dè dìreach a bha mi ag iarraidh, fiù 's mus innsinn dhaibh. Siud aon de na rudan math mu dheidhinn a bhith ag obair leis an aon sgioba airson greis – fàsaidh gach h-aon agaibh cleachdte ri dòighean smaoineachaidh agus stoidhle-obrach an fheadhainn eile (uaireannan 's e droch rud a tha sin!). Bha e math gu robh Maria an làthair cuideachd, oir b' urrainn dhuinn bruidhinn mu ar diofar bheachdan. Cuideachd, tha e a' ciallachadh gum bi an aon seòrsa coltais air na filmichean gu lèir.
Aig deireadh an là, bha mi cho sgìth ris a' chù ach air mo dhòigh glan leis mar a chaidh dhuinn. Tha obair JP a' coimhead sgoinneil. Saoilidh mi gun còrd e ribh.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Neach a tha co-dhùnadh dè thèid fhilmeadh agus a tha a' stiùireadh a' chriutha tron fhilmeadh.
General View - Dealbhan a tha a' toirt sealladh farsaing air àite no cuspair.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.