Gerald

Caoidh Nàiseanta

20mh Cèitean 2008, Gerald

Mar a bhios fios agad, bha crith-thalmhainn uabhasach ann an Wenchuan ann an Sgìre Sichuan an t-seachdain a chaidh. Tha an riaghaltas air trì laithean de chaoidh a ghairm airson an fheadhainn a chaill am beatha a chuimhneachadh.

An toiseach cha robh mi buileach cinnteach dè bha seo a' ciallachadh. Ciamar as urrainn do dhùthaich anns a bheil uiread de mheud agus sluagh cho mòr thighinn còmhla ann an caoidh? Co ris a tha caoidh nàiseanta coltach?

Teachdaireachd mun chaoidh nàiseanta air telebhisean stàit Shìona

Thuige seo tha sinn air eisimpleir no dhà fhaicinn. Bha trì mionaidean de shàmhchair ann an-dè aig 14:28. Bha Beijing, cuide ris a' chòrr de Shìona, na tàmh. Bha sinn a' filmeadh faisg air sràid de bhùthan trang agus stad a h-uile càil. An toiseach, cha chluinneadh tu càil ach chaidh seo a bhriseadh le càraichean agus conacag a' sèideadh mar dhòigh air urram a thoirt don fheadhainn a bhàsaich. Sheas daoine nan tosd a' coimhead nan sgàilean mòra telebhisein air an robh daoine air feadh na dùthcha a' dèanamh an aon rud riutha.

Chan eil stèiseanan TBh a' craoladh ach an fheadhainn a tha dèanamh naidheachdan – feadhainn Sìonach san fharsaingeachd ach lorg sinn CNN air an telebhisean san taigh-òsta. Tha taighean-bidh nas sàmhaich oir chan eil iad a' cluich ceòl annta an-dràsta. Tha na taighean-seinnse agus na clubaichean dùinte. Tha mi a' creidsinn gu bheil eisimpleirean eile de chaoidh ri fhaicinn, ach siud an fheadhainn a dh' fhidir mise.

Gerald

Deagh chupan teatha...

20mh Cèitean 2008, Gerald

Coinneamh còmhla ri ceannard coimhearsnachd agus eadar-theangaiche

Choinnich sinn an-diugh ri boireannach a tha sinn an dùil fhilmeadh a-màireach. 'S e seòrsa de cheannard coimhearsnachd a th' innte agus tha ùidh mhòr aice san àrainneachd.

Ràinig sinn an oifis aice aig dà uair. Chuir sinn seachad a' mhadainn ag obair air an làraich-lìn oir bha choinneamhan aice fad na maidne. Tha a coimhearsnachd air a bhith a' cruinneachadh aodaich agus nithean eile do dhaoine a chaill an cuid dachaighean sa chrith-thalmhainn agus bha seo ga cumail uabhasach trang. Gu dearbha, bha coinneamh eile aice aig dà uair, ach chuir i dheth i airson coinneachadh rinne.

Tha e annasach a bhith còmhradh tro eadar-theangaire. Chan urrainn dhut na rudan àbhaisteach a dhèanadh tu gus eòlas fhaighinn air cuideigin a dhèanamh san t-suidheachadh sin. Feumaidh e bhith gun do rinn mi rudeigin ceart oir bha tòrr ùidh aice sa phròiseict. Thuirt i gum biodh i toilichte ar cuideachadh ann an dòigh sam bith.

Leis an fhìrinn innis, cha robh dùil againn an sgeulachd aice-ise innse ach sin an seòrsa rud a bhios an-còmhnaidh a' tachairt. Bidh dùil agad aon rud a ràdh agus thig rud nas fheàrr thugad a tha gabhail àite.

Alasdair

A' dèanamh deiseil

20mh Cèitean 2008, Alasdair

Alasdair a' dèanamh deiseil airson a dhol a Shìona

Cead-siubhail, bhìosa, airgead Sìonach, camara agus aodach - tha mi 'n dòchas gu bheil a h-uile rud agam. Tha mi air dhà neo thrì laithean a chuir seachad a-nis ag ullachadh airson an turas a Shìona agus tha mi air bhioran gus faighinn ann. Bithidh deich uairean a thìde co-dhiù agam air bòrd itealan, nam aonar, gu ruige Beijing - mar sin tha mi a' toirt ceòl agus leabhraichean leam.

Ach bithidh e math coinneachadh ris an sgioba, faicinn mar a tha a' dol dhaibh agus dùthaich inntineach, annasach fhaicinn. Saoil co ris a tha e gu bhith coltach? Tha mi air dealbhan fhaicinn mu thràth agus tha mi air mòran a chluinntinn bho Gerald agus Maria, ach nì mi m' inntinn fhìn an àirde Diardaoin.

Gerald

A ghia!

20mh Cèitean 2008, Gerald

Cupan teatha fhuar!

Bha mi sgrìobhadh notaichean agus leig mi leis an teatha agam fuarachadh.

Dh' òl mi co-dhiù i.

dàng àn

(g. tasglann)

háng huà

(g. facail feumail)

Cead-siubhal

Leabhran oifigeil a tha a' toirt cead do dhuine à aon dùthaich siubhal a dhùthaich eile.

Bhìosa

Cead a dhol a-steach a dhùthaich air a thoirt seachad le riaghaltas na dùthcha, air a shealltainn le duilleag nad chead-siubhail.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.