Gerald

Creach am firewall agus an camara

18mh Cèitean 2008 18:00, Gerald

Dìreach airson innse dhuibh mu dhuilgheadas no dhà a th' air a bhith againn an seo a mhìneachas dhuibh carson a tha an leabhar-latha uaireannan air dheireadh.

Mar a tha fhios agaibh, cha d' fhuair Doneil a-mach còmhla rinn agus b' ann aigesan a bha an uidheamachd camara leis an robh dùil againn an leabhar-latha fhilmeadh. Tha seo a' ciallachadh gun tàinig oirnn an camara a bharrachd a bh' againn a chleachdadh agus tha sin dìreach coltach ri fear beag a biodh agad aig an taigh. Cuideachd, chan obraich e leis a' choimpiutair-uchd agus mar sin, thog sinn tòrr film nach urrainn dhuinn a chur air an làraich fhathast. Tà, nuair a thig Alasdair a-mach Diardaoin, tha e toirt leis an camara a bh' aig Doneil agus gheibh sinn air an fhear sin a chleachdadh gus am film a chur air a' choimpiutair 's a chur air ais dhachaigh le FTP. Chun an uairsin, cumaidh sinn oirnn a' sgrìobhadh agus a' cur dealbhan an cois an leabhar-latha.

Agus seo an dàrna dhuilgheadas againn. Am firewall Sìonach. Bha sinn air cluinntinn mu dheidhinn ach cha robh beachd againn cho làidir 's a tha e. Uaireannan, gheibh thu a-steach a làraich eadar-nàiseanta agus uaireannan eile chan fhaigh. Tha seo a' ciallachadh nach fhaigh sinn air puist-dealain a chur dhachaigh le naidheachdan no sgeulachdan ùra. Aig amannan eile nuair a gheibh sinn gu ar puist-d, cha leig e dhuinn dealbhan a chur riutha. Cha toil leis gu h-àraidh facail no abairtean connspaideach. Rinn sinn an t-uabhas dheuchainnean mus d' thàinig sinn an seo, ach tha e duilich beachd a bhith agad air na trioblaidean gun a bhith ann an Sìona.

Is dòcha gum faigh sibh seo, is dòcha nach fhaigh...

Maria

Latha dheth

18mh Cèitean 2008, Maria

Bha latha dheth againn an-diugh.

Bha mi-fhìn agus Gerald ag iarraidh a dhol a thadhal air bùth leigheasan traidiseanta Sìonach a th' ann an sgìre Qianmen. Chleachd sinn am metro airson a' chiad uair. Bha e glan, saor (mu 40sg), luath agus, bhon is e Latha na Sàbaid a bh' ann, cha robh e ro thrang.

Nuair a ràinig sinn an stèisean, cha lorgadh sinn an t-sràid cheart. Thionndaidh e mach nach robh an t-ainm sin air an t-sràid tuilleadh. Chaidh a leagail agus thèid ath-thogail (thathar an dòchas) airson nan Geamaichean Oilimpigeach.

Mhothaich sinn (agus dh' fhilm sinn) an t-uabhas de dh'obair togail ann am Beijing. Gu dearbha, chan urrainn dhut coiseachd fada gun crane fhaicinn, no luchd-togail a' dol sìos agus suas fhàraidhean.

Air an fheasgair chaidh sinn gu taigh-cluiche a dh' fhaicinn acrobatan. Bha e iongantach – measgachadh de lùth-chleasachd, làmh-chleasachd agus cleasan annasach eile. Bha fireannaich a' cur nan caran air rudan a bha glè choltach ri cuibhle airson hamster, bha dusan bhoireannach air an aon bhaidhsagal agus chuir aon bhoireannach slat iarainn na beul, sheas triùir eile air agus thog i don adhar iad – bha sin fhèin mìorbhaileach gu leòr, ach bha a h-uile duine aca le truinnsearan nan làmhan, a' cur nan caran – àraid, ach mìorbhaileach!

Cathaidh

Clàradh airson rèidio

18mh Cèitean 2008, Cathaidh

A' clàradh am prògram rèidio

An-diugh bha mi a' clàradh dà dhràma airson an t-sreath rèidio Èisteachd is Labhairt. Bha sàr chleasaichean an sàs ann a chaidh tro gach sealladh gun mhòran mhearachdan. Tha sin dha fhàgail nas fhasa nuair a thig e gu gearradh.

Gu mì-fhòrtanach thog sinn teachdaireachd bho chleasaiche. Cha robh i gu math. Cha b' urrainn dhith thighinn. Thuirt Keith, a bha ag obair an stiùidio, gun robh dà rud a b' urrainn dhomh a dhèanamh:

1) cuideigin eile na loidhnichean aice a ràdh agus an uairsin an cur a-staigh dhan chòmhradh nuair a bha i math gu leòr son an clàradh

2) na pìosan aice fhàgail a-mach, ach bha sin a' ciallachadh tòrr obair sàbhalaidh a h-uile turas a bhiodh i air bruidhinn.

Ach bha roghainn eile ann cuideachd, cuideigin eile a lorg, agus 's e sin a rinn mi. Bha mi air leth fortanach.

'S e Keith a bha a' gabhail gnothaich ris an fhuaim. Tha stiùidio 1 cho mòr, tha fiù cidsin, seòmar cadail agus staidhrichean innte! Chleachd sinn iad air fad! Seach gu robh dà phrògram ri chlàradh bha agam ris an dòigh a b'fheàrr air sin a dhèanamh a thaghadh – mar sin, choimhead mi air cò a bh' anns gach sealladh gus nach biodh aig daoine ri bhith a' feitheamh ro fhada. Mar sin, 's dòcha gu robh sinn a' dol bhon dara sealladh anns a' chiad phrògram chun a' chòigeamh seallaidh anns an dara prògram. Tha sin neònach, nach eil?

Tha agam ri na prògraman a mheasgachadh fhathast ach sin sgeulachd latha eile.

dàng àn

(g. tasglann)

háng huà

(g. facail feumail)

File Transfer Protocol

File Transfer Protocol - Ceangal eleactronaigeach airson faidhle a chur bho coimpiutair gu coimpiutair eile.

Firewall

Bathar-bog a tha a' dìon coimpiutair le bhith a' stad faidhlichean neo-cheadaichte bho bhith a' faighinn a-steach air.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.