Doneil

Tha mi diombach...

15mh Cèitean 2008 15:30, Doneil

Uill, tha mi gu math diombach! Chan urrainn dhomh a dhol gu Sìona a-nise. Nuair a bha mi air a' phlèana eadar Glaschu agus Amsterdam chaill mi mo chead-siubhail. Bha mi air a chur ann am baga fon t-suidheachan mu mo choinneamh. Thog mi am baga nuair a bha mi a' fàgail, ach cha do choimhead mi ann gus an robh mi anns a' phort-adhair. Cha robh mo chead-siubhail ann. Sin nuair a thòisich mi a' dol drol! Cha b' urrainn dhan chompanaidh adhair no an luchd-glanaidh a lorg, ged a dh' innis mi dhaibh càite am biodh e agus càite an robh mi a' suidhe. Bha e doirbh dhomh a chreidsinn nach robh sgeul air. Cha robh mi airson a chreidsinn.

Chan urrainn dhomh cead-siubhail ùr fhaighinn air sgàth 's gu bheil e toirt ochd latha fear ùr fhaighinn. Agus bheireadh e ceithir latha co-dhiù cead fhaighinn às ùr a dhol a-staigh gu Sìona. Dh'fheuch mi ri dòigh air choreigin a lorg airson faighinn ann a-rithist, ach cha ghabhadh a dhèanamh. Agus bha mi riamh airson Sìona fhaicinn.

Sheall seo dhomh cho furasta 's a tha e cead-siubhail a chall, agus nuair a thachras sinn cho buileach doirbh 's a tha e càil a dhèanamh às aonais. Bha mi fortanach faighinn air ais a dh' Alba! Bha mi an-còmhnaidh a' smaoineachadh gu robh mi gu math pongail nuair a bhithinn a' siubhal mun cuairt na Roinn Eòrpa leam fhèin, ach chan eil e toirt ach leth mhionaid coimhead anns a' bhaga air a' phlèana agus cha do rinn mi sin. Thuirt na poileis ann an Amsterdam rium nam bithinn a' dol a bhadeigin eile anns an Roinn Eòrpa gum biodh e air a bhith furasta gu leòr cead-siubhail eile fhaighinn bho Chonsalachd Bhreatainn agus leantainn orm. Ach tha na riaghailtean buileach teann ann an Sìona, 's mar sin feumaidh mi fuireach an Inbhir Nis bho seo a mach - sgeul truagh.

Tha sinn a-nis dòchasach gum bi Alasdair Friseal a' dol a-null nam àite. Tha mi air bruidhinn ris agus tha e a' tuigsinn dè na bhios aige ri dhèanamh. Mar sin 's e esan a bhios sibh a' cluinntinn is a' faicinn bho seo a mach. Tìoraidh bhuamsa.

Gerald

Ràinig sinn ma-tha...

15mh Cèitean 2008 21:00, Gerald

Ràinig sinn an-diugh sa mhadainn, mu dheich uairean (ris an uair Shìonach). Tha sinn seachd uairean air thoiseach air Breatainn. Bha sinn ochd uairean no mar sin san itealan agus bha e glè shocair. Thagh mise cathair-plèana air an eadar-lìon an latha mus do dh'fhalbh sinn agus fhuair mi fear ri taobh na trannsa, a' ciallachadh dà rud:

1) barrachd rùim do mo chasan, rud a tha deatamach nuair a tha thu mu shia troighean agus air itealan airson uairean a thìde

2) nan tigeadh cruaidh chàs oirnn, 's ann an urra rium fhìn a bhiodh e an doras fhosgladh. Gu fortanach cha do thachair sin.

As dèidh droch fhilm no dhà, sitcom Ameireaganach (a bha meadhanach-math) diathad agus lòn a bha glè mhath, ceithr uairean cadail agus rud beag Nintendo, ràinig sinn.

Cha tug sinn fada a' dol tro Sheirbheis na Cusbainn agus cha b' fhada gus an do choinnich sinn ri Seòras, ar treòraiche agus fear bhon riaghaltas a tha dol a thighinn nar cois air an turas. Mar a thuigeadh sibh, bha an dithis againne rudeigin iomagaineach, ach chuidich iad sinn gu mòr. Tha coltas taiceil air duine seach duine aca. Leum sinn a-steach à 4x4 riaghaltais agus rinn sinn air an taigh-òsta. Tha e dìreach mu choinneimh àite-obrach Sheòrais agus tha sin a' ciallachadh nach caith sinn tìde a' feitheamh riutha airson lioft gach madainn. Aig deireadh an latha, as dèidh an uidheamachd a thilleadh agus ar leabhar-latha a sgrìobhadh, faodaidh sinn a dhol tarsainn an rathad chun taigh-òsta. Furasta.

Daoine ann an Sìona
Duine a' cleachdadh claidheamh
Gerald a' toirt a-steach na seallaidhean

Dh' aontaich sinn gun coinnicheamaid a-màireach aig deich uairean sa mhadainn. Tha sinn a' dol a bhruidhinn ri dotair agus teaghlach eile aig a bheil dhà de na sgeulachdan a tha sinn an dùil filmeadh. Cuideachd, ma tha tìde a bharrachd againn, cuiridh sinn seachad beagan ùine a' filmeadh GVs de Bheijing airson nam prògraman.

Bha sin a' ciallachadh gu robh latha againn dhuinn fhìn. An àite dhol don leabaidh, dh' fhuirich sinn an-àirde gus am fasadh sinn cleachdte ris an uair eadar-dhealaichte. Mar sin, chaidh sinn a-mach gu biadh agus cuairt timcheall an àite.

Maria

Iasg leis an taobh a-staigh a-muigh!

15mh Cèitean 2008 20:00, Maria

Chan ith mi-fhìn no Gerald feòil ann, 's e pescetarians a th' annainn, chan ith sinn cearc no feòil ach ithidh an dithis againn iasg.

Fhuair muinntir Bheijing seo uabhasach èibhinn, oir cha robh iad air a leithid a chluinntinn. Cha thuig Sìonaich sa chumantas carson nach ith cuid de dhaoine bho thall thairis feòil. Ann an Sìona tha cuid ro bhochd airson feòil a cheannach agus chan eil iad a' tuigsinn carson a thaghadh daoine beartach feòil a sheachnadh!

Sgairpichean air a' chlàr-bìdh
Fear-frithealaidh
Còcaire Sìonach agus prais mòr!
Mìlsean Sìonach
Tuilleadh mìlsean Sìonach
Crosgan!

Aig tràth-diathad, lorg sinn taigh-bidh ionadail a bha dèanamh hotpot. Bidh iad a' toirt dhut glasraich agus noodles amh agus tha agad fhèin rim brioch ann an sabhs goileach aig a' bhòrd. Bha an luchd-fhrithealaidh uabhasach cuideachail. Sheall iad dhuinn ciamar a dhèanadh sinn seo agus bha iad an uairsin a' fanaid oirnn nuair a rinn sinn a h-uile càil san òrdugh cheàrr.

Sgairpichean agus eich-mara

Chaidh sinn an uairsin cuairt do dh' àite far nach robh iad a' reic càil ach kebabs. Ach cha b'e seo kebabs mar a th' againn aig an taigh. A bharrachd air feòil, bha tòrr rudan "inntinneach" eile annta mar sgairpichean, nathairichean agus - nas miosa buileach do phescetarian - each-mara.

Bha tràth-teatha tòrr na bu shoirbheachail. Choinnich sinn caraid a b' àbhaist a bhith ag obair aig a' BhBC agus thug esan sinn gu taigh-bidh air "Sràid nan Taibhsean", air ainmeachadh ri linn na lanntairean dearga a tha crochaichte ann. Co-dhiù, chan e mhàin gu robh am biadh gu math blasta, ach chuir iad taisbeanadh air dòigh cuideachd. Dhòrt aon duine teatha a-mach à poit air an robh srùb glè fhada, shad fear eile noodles mun cuairt agus rinn dithis eile sgairp agus eich a-mach a siùcar goileach. Abair oidhche!

Bha am biadh fhèin neònach cuideachd. Dh' ith sinn treallaich - nam measg iasg air an robh an ainm "iasg leis an taobh a-staigh a-muigh" - agus 's e sin a bh' ann - greenbeans air an ròstadh ann an creamh agus an rud as fhèarr buileach, bananathan air an ròstadh 's air an còmhdach le mil agus siùcar.

dàng àn

(g. tasglann)

háng huà

(g. facail feumail)

Cead-siubhal

Leabhran oifigeil a tha a' toirt cead do dhuine à aon dùthaich siubhal a dhùthaich eile.

Consalachd

Oifis dùthcha a tha stèidhichte ann an dùthaich eile.

GV

General View - Dealbhan a tha a' toirt sealladh farsaing air àite no cuspair.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.