Gerald

Eadar-theangachadh (Pàirt 2)

2mh Cèitean 2008 10:00, Gerald

As dèidh na coinneimh far an do bhruidhinn sinn mu nan eadar-theangaidhean agus cho toinnte 's a dh’ fhaodadh a h-uile càil fàs, sgrìobh mi not gun treòraiche againn a dh’ innse dha; cho draghail 's a tha sinn. Chuir mi eisimpleir thuige cuideachd den t-seòrs’ rud a bhios sinn a’ lorg bhon eadar-theangaire. Gu fortanach, chuir e not air ais ag ràdh, “Tha mi toilichte innse gur ann dìreach mar sin a bhios sinn ag eadar-theangachadh. Faodaidh tu bhith cinnteach gum bi a h-uile càil ceart gu leòr.”

Dh'fhòn ar n-eadar-theangaire eile, Xiao, a tha a’ fuireach ann an Glaschu, a ràdh gu bheil i deònach a thighinn a-steach airson ar cuideachadh leis an deasachadh.

Sgona mòr

Dè na naidheachdan eile a th’ agam? Uill, bha mi ann an coinneamhan fad na maidne. An toiseach, choinnich mi ri sgioba na Gàidhlig gus obrachadh a-mach ciamar a dh’ eadar-theangaicheamaid na prògraman bho Mandarin gu Beurla gu Gàidhlig. Bhruidhinn sinn rud beag mu dheidhinn cuin a dh’ fheumadh sinn fo-thiotalan a chleachdadh agus cuin a bhios sinn a' cleachdadh guthan Beurla no Gàidhlig, a rèir dè am prògram a th’ ann.

An uair sin choinnich mi-fhìn agus Maria ri Bronek a tha dol a mheasgachadh an fhuaim anns na prògraman againn. Tha an dithis againn air tòrr obair a dhèanamh còmhla ri Bronek ‘s mar sin tha sinn gu math eòlach air. Bha deagh fhealla-dhà againn agus thug e comhairle dhuinn mu dheidhinn dè bu chòir dhuinn a bhith a’ clàradh agus ciamar airson an obair aigesan a dhèanamh nas fhasa.

Mu dheireadh, bha coinneamh agam fhìn agus Maria airson sùil a chumail air an adhartas a tha sinn a’ dèanamh. Bha deagh chòmhradh againn agus thòisich an dithis againn a’ coimhead air adhart ris an turas, ACH a’ fàs iomagaineach mu dheidhinn cuideachd. Dh’ ith mi an scona bu mhotha a chunnaic mi a-riamh cuideachd.

dàng àn

(g. tasglann)

háng huà

(g. facail feumail)

Treòraiche

Neach a bhios a' cur chùisean an òrdugh san dùthaich filmidh. Bho bhith a' lorg daoine a ghabhas pàirt ann an agallamhan agus a' lorg àitichean-filmidh gu bhith a' cur àitichean-fuirich air dòigh.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.