Cathie

Ag ullachadh

1mh Cèitean 2008 10:30, Cathaidh

Tha an t-àm agam innse dhut beagan mu na tha mi air a bhith a’ dèanamh!

Tha mi air a bhith ag obair air scriobtaichean rèidio. Tha ochd prògraman ann le dràmathan inntinneach annta. Tha mi an-dràst a’ fònadh cleasaichean airson na dràmathan a chlàradh agus gu ruige seo tha a h-uile duine deònach!

Bha dhà no thrì rudan agam ri dhèanamh roimhe seo:

- smaoineachadh air co ris a bhiodh gach prògram coltach.

- Dè bha mi airson a chur annta a bharrachd air na dràmathan?

- Càite no ciamar a bha mi a’ dol a dh’fhaighinn seo?

- Dè na ceistean a b’fheàrr fhaighneachd sa phrògram airson toirt air daoine bruidhinn is èisteachd ri chèile?

Tha mi a’ clàradh a’ chiad dà phrògram air an 18mh den mhìos.

Tha mi cuideachd air iarraidh air bàrd pìosan bàrdachd a sgrìobhadh airson prògraman rèidio Sealladh air Sìona.

dàng àn

(g. tasglann)

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.