Laura

Tha ainm air an làraich!

29mh Giblean 2008 14:36, Laura

Thàinig sinn gu co-dhùnadh cudromach an-diugh. Tha sinn air aontachadh gur e Sealladh air Sìona an t-ainm a bhios air an làraich. Bheir am facal “sealladh” dhuinn cothrom farsaingeachd de chuspairean a chur air an làraich, gun chuingealachadh.

Bheachdaich sinn cuideachd air ainmean nan earrainnean a bhios air taobh a-staigh na làraich, mar eisimpleir, an leabhar-latha. An deigheadh sin le Sealladh air Sìona: Cò an sealladh? No, Sealladh air Sìona: Sealladh cò? No, Sealladh air Sìona: Tro shùilean cò? Taghaidhean, taghaidhean, taghaidhean…

Tha na duilleagan dèante aig Del, 's abair gu bheil iad a' coimhead brèagha. Feumaidh mise dèanamh cinnteach gu bheil na tiotalan air fad agam dhàsan, oir bidh aige a-nis ri dreach Gàidhlig a chur air na duilleagan. Tha e an uairsin an urra riumsa an susbaint air fad a chur air an làraich mus tèid i beò. Tha againn ris na tiotalan Gàidhlig eadar-theangachadh gu Sìonais - 's gu dearbha chan eil mise fileanta! Gu fortanach, tha fear ag obair aig a' BhBC a th' air a bhith a' toirt leasanan còmhraidh do Mharia agus Gerald mus falbh iad, 's tha mi an dòchas gun toir esan stiùireadh dhuinn.

dàng àn

(g. tasglann)

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.