Doneil

'Ooh' agus 'Yah'

24mh Giblean 2008 2:46f, Doneil

Tha mi air a bhith aig an dotair an t-seachdain seo. Chaidh mi ann a dh' fhaighinn a’ bhanachdach an aghaidh an tinneas Rabies. Tha mi air feadhainn eile fhaighinn ron seo: tetanus, hepatitis A, fiabhras typhoid, rudan mar sin. Chan eil mi air a h-uile càil a tha air a mholadh fhaighinn. Cha d'fhuair mi càil an aghaidh Hepatitis B mar eisimpleir. 'S e an t-adhbhar airson sin gu bheil àm sònraichte ann eadar a’ chiad bhanachdach agus an dara fear son cuid de thinneasan. Chan eil gu leòr tìde agam son sin.

Ach tha mi air comhairle fhaighinn mu dè an dòigh as fheàrr air mi fhìn a dhìon. Feumaidh mi mo bhriogais a stopadh am broinn mo stocainnean gus nach tèid mo bhìdeadh le gartain, agus cuideachd mi fhìn a chòmhdachadh le stuth a bhios a’ cur an teicheadh air cuileagan. Agus thuirt iad nach bu chòir dhomh snàmh ann an glupanan no seilcheagan aibhne ithe, ach cha robh mi an dùil sin a dhèanamh co dhiù!

dàng àn

(g. tasglann)

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.