10mh Giblean 2008 16:00, Maria
Tha mi-fhìn 's Gerald air a bhith a' deasbaid mu dè an coltas bu chòir a bhith air na prògraman.
Bhruidhinn sinn mu dheidhinn coltas rudeigin ùr, fionnar airson sgeulachdan a’ gabhail àite anns na bailtean agus coltas na bu bhlàithe agus na bu shìmplidh airson sgeulachdan dùthchail.
Shaoil mi gur e deagh bheachd a bhiodh ann sealltainn don sgioba gu lèir na rudan air an robh sinn a’ beachdachadh.
Uaireannan tha e nas fhasa dealbh a dhèanamh do dhaoine. Ma tha thu mach air faireachdainnean no coltas tha e duilich a mhìneachadh le facail agus bhon nach tuig a h-uile duine Beurla, tha mi air mood board a chleachdadh cuideachd.
Chan eil ann am mood board ach cruinneachadh de dhealbhan, facail no dathan a tha a’ sealltainn faireachdainn, no aimsir.
Chaidh mi do mòr-bhùth Sìonach agus cheannaich mi irisean, stiocairean agus cairtean. Choimhead mi timcheall bùth ealain agus fhuair mi grìogagan, cailc agus snàithlean. Mu dheireadh, lorg mi seann irisean a bh’ agam aig an taigh agus gheàrr mi rudan a-mach – an dà chuid dathan, no cuspairean a ghlac m’ aire.
Chuir mi a h-uile càil air dà phìos chairt agus thog mi dealbhan dheth a chuir mi air falbh don sgioba againn ann an Sìona. Seallaidh mi iad cuideachd don neach-deasachaidh agus neach-dealbhachaidh aon uair 's gun tòisich iad còmhla rinn, gus am bi fios aig a h-uile duine dè tha sinn a’ feuchainn ri dhèanamh an seo.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Cruinneachadh de dhealbhan, facail no dathan a tha a' brosnachadh beachdan sgioba mun dreach a dh'fhaodadh pròiseact a ghabhail. Tha iad feumail aig toiseach pròiseact.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.