7mh Giblean 2008 14:00, Gerald
Is dòcha gum bu chòir dhomh inns mar a tha sinn a’ tighinn an-àird le beachdan airson prògraman is eile agus ciamar a nì sinn co-dhùnadh air an t-susbaint.
Mar as tric bidh e tòiseachadh le còmhraidhean le luchd-teagaisg anns na sgoiltean. Bidh sinn a’ coimhead ri tachartasan mòra sam bith gun fhios nach bi ùidh agadsa ann an rudeigin mun timcheall. Am-bliadhna shaoil sinn gum biodh e math rudeigin a dhèanamh air Sìona bhon a bhios na Geamannan Oilimpic air an cumail an sin air 08/08/08.
Thèid an uairsin smaoineachadh mu dheidhinn ciamar a dh’ fhaodadh sinn sin a thoirt dhut - dh' fhaodadh sinn làrach-lìn a dhèanamh, no prògram rèidio, no gèam, no prògram TBh - a rèir dè an dòigh bu fhreagarraiche a th’ ann.
Aon uair ’s gum bi beachd againn dè a bhiodh feumail dhutsa, bidh sinn a’ tighinn cruinn còmhla agus a' beachdachadh air ciamar as urrainn dhuinn do chuideachadh le na rudan duilich agus ciamar as urrainn dhuinn na rudan a tha inntinneach dhut a dhèanamh nas fhasa buileach.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.